Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Fàilte don Eilean Sgitheanach
- O, failt' air do stùcan,
- Do choireachan ùdlaidh,
- Do bheanntainean sùghmhor
- Far an siùbhlach am meann!
- Tha 'n geamhradh le Dhùbhlachd
- Mu na meallaibh a' dùnadh,
- 'S gach doire le bhùirean
- Air a rùsgadh gu bonn.
- Chì mi an Cuilitheann
- Mar leòmhann gun tioma,
- Le fheusaig den t-sneachd
- Air a phasgadh mu cheann;
- 'S a ghruaidhean a' srùthladh
- Le easannan smùideach
- Tha tuiteam nan lùban
- Gu ùrlar nan gleann.
- Do chreagan gu h-uaibhreach
- Mar challaid mun cuairt dut,
- 'S na neòil air an iomairt
- A' filleadh mum bàrr,
- 'S am bonn air a sguabadh
- Le srùthlaichean gruamach
- Bho bhàrcadh a' chuain
- A' toirt nuallain air tràigh.
- O, càit 'eil na gaisgich
- A dh'àraich do ghlacan
- Bu shuilbhire macnas
- Mu stacan a' cheò?
- Le fùdar ga sgailceadh
- Bhon cuilbhearan glana,
- 'S na mial-choin nan deannaibh,
- Nach fannaich san tòir.
- Na laoich nach robh meata
- Ri aodann a' bhatail,
- Nach aomadh gu taise
- Ri caismeachd an nàmh;
- Chan eil raon agus machair
- Air 'n do sgaoil iad am bratach
- Nach d' fhàg iad an eachdraidh
- Gun mhasladh dan àl.
- Ach tha 'm fàrdaichean sguabte
- 'S an seòmraichean uaine,
- Iad fhèin is an gaisge
- Nan cadal fon fhòd;
- 'S tha osag nam fuar-bheann
- Le h-osnaidhean gruamach
- Gan caoidh mu na cruachan
- 'S a' luaidh air an glòir.
- O, càit 'eil gach sòlas
- Bha agam nam òige,
- Toirt meal' às na ròsan
- Mud chòsagan tlàth?
- Tha companaich m' eòlais
- Air am fuadach bhon còmhnaidh,
- Tha mhil air a deòthal
- 'S na ròsan gun bhlàth.
- Ach 's caomh leam do ghleanntan,
- Do shrathan 's do bheanntan,
- 'S an ceò tha na chadal
- Air baideal nan àrd;
- Na ciabhagan torrach,
- Na srònagan corrach,
- 'S na sruthan ri coireal
- Don eilid 's da h-àl.
- Guma buan a bhios d' eachdraidh,
- Agus cliù aig do mhacaibh,
- Gus an crìonar an talamh
- 'S am paisgear na neòil!
- Fhad 's bhios siaban na mara
- A' bualadh air carraig,
- Bidh mo dhùrachd gun deireas
- Do dh'Eilean a' Cheò!
Fàilte don Eilean Sgitheanach
Tha am bàrd a' cleachdadh ìomhaigh ghaisgeil an seo den eilean agus ga cumail a' dol tron rann, m.e. na beanntan mar leòmhann, leis an t-sneachda mar a mhuing agus na h-easan mar dheòir a' ruith sìos aghaidh. Tha e a' cleachdadh fuaimean goirid, cruaidh airson nam beanntan ach a' dol air ais gun 'ù' fhada airson nan uisgeachan a' dòrtadh.
Tha seo uile air a chumail a' dol san ath rann, ach le ìomhaighean ùra: na creagan mar bhalla is na sgòthan paisgte air a bhàrr. Tha an cunntas air fuaimean na mara aig an deireadh gu h-àraidh làidir.
