20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

Cuspairean

'S ann airson òrain, seach bàrdachd sgrìobhte, as ainmeile a tha Murchadh MacPhàrlain. Canaidh cuid gum b' e an t-òranaiche Gàidhlig a b' fheàrr anns an linn a chaidh seachad. Tha na h-òrain aige air an seinn le cuid de shàr-sheinneadairean na Gàidhlig agus le còmhlain mar Na h-Òganaich (gu h-àraidh), Na Siaraich, Runrig agus Capercaillie.


Bhiodh e fhèin a' cur fuinn ri na h-òrain mar a bha e gan dèanamh, fuinn bheòthail le blas an latha an-diugh orra, ged a bhiodh cuid de na còmhlain a' cur an dreach fhèin orra.


Tha tòrr ciùil ann am faclan nan òran aige cuideachd. Mar eisimpleir, 'Shil mo shùil nuair chaidh siùil / Ri croinn ùra chaol àrd, / Rìgh, 's mo rùn-sa nam bàrr' - agus ruitheaman làidir a tha gar giùlan gu siùbhlach tro na h-òrain no, uaireannan, a' samhlachadh cuspair àraidh – mar tulgadh na mara san eisimpleir gu h-àrd.


Tha 'dràma' anns na h-òrain aig MacPhàrlain. Tha glè thric caractaran aige anns na h-òrain – mar an saighdear agus a leannan ann an 'Naoi Ceud Deug 's Ceithir Deug' – airson an suidheachadh a thoirt beò agus gus am bi co-fhaireachdainn againn riutha. Uaireannan bidh còmhradh eadar na caractaran anns na h-òrain, rud a tha a' cur ris an dràma.


'S e bàrdachd airson a seinn a tha seo. Bidh MacPhàrlain uaireannan ag atharrachadh òrdugh àbhaisteach nam faclan ann an t-seantans. Mar eisimpleir, 'Cha bhi uat mi ach ràith' an àite 'Cha bhi mi uat ach ràith', rud a tha a' glacadh ar n-aire ann an òran ach nach obraicheadh cho math air an duilleig. 'S e bàrdachd airson èisteachd rithe, chan ann airson a leughadh, a tha seo.


Tha dibhearsain, tiamhaidheachd agus breithneachadh anns na h-òrain aig Murchadh MacPhàrlain. Tha e a' ruith air raon mhòr de chuspairean. A' Ghàidhlig agus a' Ghàidhealtachd, tachartasan mar dol-fodha na h-Iolaire, obraichean traidiseanta mar an t-iasgach, cogadh (bha e gu làidir an aghaidh cogadh), ceistean sòisealta mar buaidh na dibhe, gaol (ann an riochd spòrsail mar as trice), cianalas, seann chleachdaidhean, dòigh-beatha an latha an-diugh ('Linn Greas ort') agus mar sin air adhart. A bharrachd air an sin, rinn e grunn mhòr de dhuain aotrom mu dhaoine a dh'aithnicheadh e no mu rudan a thachair dha.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Cuspairean a bhiodh tric a' nochdadh na bhàrdachd

'S e fear dheth na themes a tha tarraingeach da-rìribh anns an obair aige, cogadh. Bha bith aige dha cogadh, bith. Agus bha sin ann an seagh annasach ann an duine de sheòrs a bha ag obair is a sgrìobhadh aig ìre baile.

Bithear tric ag ràdh, uill an e bàrd baile a bh' ann? Bha e tòrr na b'fharsaing na sin 's bha e ag atharrachadh an dòigh a bha e a' dèanamh bàrdachd fad na h-ùine. Bha e diofraichte bho bàrd baile a bha dìreach a' dèanamh òrain mu na rudan a bha a' dol anns a' bhaile.

Tha cuimhne agam air fear de na pìosan bho dheireadh a rinn e, 's e sin Chunna mi bhuam a' bheinn. Bha e air plèan agus chunnaic e a' bheinn air mòinteach an Rudha, deas air beanntan Bharbhais agus chleachd e a' bheinn mar samhla air a bheatha, nach b' urrainn dha an-diugh a dìreadh 's nach b' urrainn dhan chù a dìreadh.

'S e na òrain far an robh e a' cur barrachd beirm annta agus barrachd ceasnachaidh, sin nuair as fheàrr a tha e, na mo bheachd sa co-dhiù. Na rudan beaga a bha e a' dèanamh na bu tràithe, ged a bha iad aotrom mar òran a' choin.

Bha e a' cur a-steach ann an sin, ge-tà, an robh àm a' choin air thighinn.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.