20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

Bàrdachd - Bruadar Cogaidh na Caillich

Dàn 4

Tha am bàrd a' glacadh ar n-aire aig toiseach an òrain le sealladh a chur far comhair – balaich cruinn mun teine agus iad a' tomhais àirde a chèile gus am faic iad cò a tha àrd gu leòr airson a dhol dhan arm, am 'Mailisidh'. Tha iad a' coimhead air a' Mhailisidh mar rud math. Tha ìoranas an seo nuair a gheibh sinn a-mach dè thachair dhaibh às dèidh seo.


An uair sin tha e a' cur far comhair càraid òg. Tha am fireannach a' falbh dhan Mhailisidh, le deise spaideil, saighdeir ach tha e a' gealltainn nach bi e air falbh ach beagan mhìosan. Tha an aon seòrsa ìoranais an seo.


Tha an stòiridh a' gluasad air adhart agus tha am boireannach a-nise ag innse mun litir a fhuair i bhuaithe ag innse co ris a tha camp an airm coltach agus dè a tha e an dùil a dhèanamh nuair a bhios a thìde sa Mhailisidh seachad, rud a tha dùil aige ris ann an ùine ghoirid.


An uair sin tha am bàrd a' gearradh tarsaing air a còmhradh leis an loidhne shòlaimte, ghoiriseil, 'Naoi-ceud-deug 's ceithir deug...' Tha seo a' toirt na sgeulachd ceum cudromach air adhart oir sin a' bhliadhna a thòisich a' Chiad Chogadh. Tha MacPhàrlain a' glacadh ar n-aire gu sgileil a-rithist leis an seo.


Tha am bàrd an uair sin ag innse mun chogadh agus mar a thachair do bhalaich a' Mhailisidh (agus do na saighdearan eile), mus eil guth a' bhoireannaich a' tilleadh is i a-nise a' caoidh bàs a leannain. An dèidh dhan bhàrd iomradh a thoirt a-rithist air na chaidh a mharbhadh, tha an t-òran a' crìochnachadh le faclan tiamhaidh a' bhoireannaich: 'Ach cha phill e, mo luaidh/Ach nam bhruadar a-mhàin/O Mhailisidh mo chrìdh'.


Tha cuid a' coimhead air an òran seo mar bhàrdachd an aghaidh cogadh ach chan eil MacPhàrlain ach a' cur suidheachadh far comhair - le sgil sàr-sgeulaiche - agus faodaidh sinne tighinn gu ar co-dhùnadh fhèin mu dheidhinn.


Bruadar Cogaidh na Caillich

  • "Tha na Gearmailtich sa bhàgh,"
  • Ars an t-seann bhean bhochd,
  • "'S bidh iad ann an seo gun dàil,"
  • Agus bhuail i a h-uchd.
  • "Thugam thoir mo chòta-bàn,
  • Thugam cuideachd thoir an gràp,
  • Agus cuiridh sinne blàr
  • Ris an nàmh a nochd.
  • "Chan eil gille chuireas blàr
  • Anns an àite-sa nochd:
  • Tha iad anns an Fhrainge ghrànd',
  • Ach is e mo bheachd-s'
  • Gur ann againn orr' tha feum
  • Nochd san eilean aca fhèin,
  • Ach sinne chaoidh cha ghèill
  • Is cha bhi fo smachd.
  • "Tha mi cluinntinn dìosg nan ràmh,"
  • Ars an t-seann bhean bhochd,
  • "'S tha mi cluinntinn fuaim an gàir' –
  • 'S chan eil annt' sgrid iochd.
  • Siud, a bhodaich, ort, bi 'n àird,
  • Faigh an speal a th' air an spàrr
  • 'S bheir mise leam mo ghràp,
  • 'S cha tèid ceàrr oirnn spaid.
  • "Seo iad, seo iad nis a' tigh'nn,"
  • Ars an t-seann bhean bhochd,
  • "Cùm, a bhodaich, suas do chridh',
  • 'S na bi, ghràidh, fo sprochd.
  • Fhad san ear a dh'èireas grian,
  • Seadh, 's a laigheas i san iar,
  • Aig a' bhòrd seo chan ith biadh
  • Ach ar sliochd fo smachd
  • "Tha iad air a thighinn gu tìr,"
  • Ars an t-seann bhean bhochd,
  • "Tha mi cluinntinnn fuaim am bruidh'nn,
  • 'S tha ann mòr-fheachd.
  • Nis, nuair ghlaodhas mise 'Charge!',
  • Tog, a bhodaich, iolach àrd,
  • Le do dheagh speal na do làimh,
  • Agus bi gun dàil nam bad.
  • "An uair a chunntas mi,"
  • Ars an t-seann bhean bhochd,
  • "Aonan 's a dhà 's a trì,
  • Bi nam bad 's na dèan iochd."
  • Siud a' chailleach glaodhaich, "Charge!
  • Biodh a' bhuaidh againn no 'm bàs,
  • Cha bhi sinn nar tràillean
  • A chaoidh fo smachd!"
  • Siud i bualadh bhos is thall,
  • Siud air ceann fear 'slac';
  • Nis tha 'n gràp aice na chom,
  • Nis tha glùin air uchd.
  • Agus dìreach sa cheart àm,
  • Thuirt am bodach, "Teich a-null!"
  • Gur e bruadar a bh' ann
  • 'S dhùisg an t-seann bhean bhochd!

Bruadar Cogaidh na Caillich

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris 1914

Murchadh MacPhàrlain ag aithris an dàn, 1914.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Murchadh MacPhàrlain

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.