20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

Bàrdachd - Raoir Reubadh an Iolaire

Dàn 2

Tha mòran eòlach air sgeulachd na h-Iolaire agus tha Murchadh MacPhàrlain a' toirt na sgeulachd beò dhuinn às ùr le bhith a' dèanamh dealbh air aon bhoireannach òg a tha a' feitheamh ri leannan a tha air an Iolaire: an toiseach le dòchas agus toileachas – 'I fuineadh an arain/Le cridhe làn sòlais'; agus an uair sin le iomagain nuair nach eil e a' nochdadh – 'Ri 'g èirigh tha 'n latha/'S ri tuiteam tha dòchas/Air an t-slabhraidh tha 'n coire/Ri pìobaireachd bhrònach'; gus mu dheireadh a bheil i a' lorg a chorp air a' chladach: ''N sin chrom agus phòg i/A bhilean fuar' (faic mar a tha e dèanamh feum den ruitheam san loidhne mu dheireadh).


Tha MacPhàrlain tric, mar a tha e an seo, a' cruthachadh charactaran airson suidheachadh, beachd no faireachdainn a chur far comhair. Tha e sgileil air an seo agus air an sgeulachd aca innse.


Tha e cuideachd a' cleachdadh fuaimean, ruitheam agus ìomhaighean gus tiamhaidheachd an tachartais a chur an cèill. Mar eisimpleir: 'Cluinn cruaidh-fhead na gaoithe/a' caoidh, a' caoidh' - mar cumha air a' phìob; 'O Na Hearadh tha tuireadh/gu ruig Nis nam fear bàna'. Agus an loidhne chumhachdach a tha e a' cleachdadh aig an deireadh agus cuideachd mar thiotal an òrain:'Raoir reubadh an Iolaire' le na fuaimean cruaidh agus an uaim anns a' chiad dà fhacal.


Raoir Reubadh an Iolaire

  • 'S binn sheinn i, a' chailin,
  • A raoir ann an Leòdhas,
  • I fuineadh an arain
  • Le cridhe làn sòlais
  • Air choinneamh a leanainn
  • Tha tighinn air fòrlach:
  • Tighinn dhachaigh thuic tèaraint',
  • Fear a gràidh.
  • Tha 'n cogadh nis thairis,
  • 'S a' bhuaidh leis na fiùrain
  • Tha nochd ri tigh'nn dhachaigh;
  • Tha 'n Iolaire gan giùlain.
  • Chuir mòine mun tein' i
  • 'S an coire le bùrn air:
  • Ghràidh, chadal cha tèidear
  • Gus an lò.
  • Bidh iadsan ri 'g aithris
  • 'S bidh sinne ri 'g èisteachd
  • Ri euchdanaibh bhalaich
  • Na mara 's an fhèilidh;
  • 'S na treun fhir a chailleadh,
  • A thuit is nach èirich –
  • O liuth'd fear deas, dìreach
  • Chaidh gu làr!
  • Cluinn osnaich na gaoithe!
  • O, cluinn oirre sèideadh!
  • 'S ràn buairte na doimhne –
  • O, 's mairg tha, mo chreubhag,
  • Aig muir leis an oidhch' seo
  • Cath ri muir beucach:
  • Sgaoil, Iolair, do sgiathaibh
  • 'S greas lem ghràdh.
  • Ri 'g èirigh tha 'n latha
  • 'S ri tuiteam tha dòchas;
  • Air an t-slabhraidh tha 'n coire
  • Ri pìobaireachd brònach;
  • Sguir i dhol chun an dorais
  • 'S air an teine chuir mòine;
  • Cluinn cruaidh-fhead na gaoithe
  • A' caoidh, a' caoidh.
  • Goirt ghuil i, a' chailin,
  • Moch madainn a màireach
  • Nuair fhuair i san fheamainn
  • A leannan 's e bàthte,
  • Gun bhrògan mu chasan
  • Mar chaidh air an t snàmh e;
  • 'N sin chrom agus phòg i
  • A bhilean fuar.
  • Raoir reubadh an Iolair',
  • Bàtht' fo sgiathaibh tha h-àlach;
  • O na Hearadh tha tuireadh
  • Gu ruig Nis nam fear bàna.
  • O nach tug thu dhuinn beò iad,
  • A chuain, thoir dhuinn bàtht' iad,
  • 'N sin ri do bheul cìocrach
  • Cha bhi ar sùil.

Raoir Reubadh an Iolaire

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Carson a tha Raoir Reubadh an Iolaire a' còrdadh ribh?

'S e tàlant shònraichte a chaidh a bhuileachadh air daoine aig a bheil an liut airson briathran fhighe ri chèile ann an dòigh siùbhlach, sgiobalta anns a bheil buaidh aca air inntinn an leughadair. 'S iongantach gun robh bàrd Gàidhealach againn a-riamh na b'fheàrr na Murchadh MacPhàrlain airson faireachdainnean dùrachdach agus tiamhaidh a chur an cèill.

Anns an dàn Raoir Reubadh an Iolaire tha e a' toirt cunntas air an nighean a bha a' feitheamh ri a leannan a thighinn dhachaigh air an Iolaire. Tha a' chiad leth dhen òran togarach, dòigheil 's an nighean ag ullachadh air choinneamh a' bhalaich. Anns an dara leth tha cùisean a' fàs dubhach agus tha an rann mu dheireadh a tha mi a' leughadh air leth drùidhteach.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Murchadh MacPhàrlain

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.