
Rugadh agus thogadh Murchadh MacPhàrlain ann am Mealabost, baile beag faisg air Steòrnabhagh, an Eilean Leòdhais. Anns an sgoil dh'ionnsaich e Beurla, Laideann agus beagan Frangais ach cha d'fhuair e a-riamh oideachadh ann an Gàidhlig.
Chaidh Murchadh a dh'obair dhan Mhorair Leverhulme air cuid de na sgeamaichean a bha e air a chur air chois air Eilean Leòdhais ach nuair nach do shoirbhich sin, coltach ri na mìltean eile, chaidh Murchadh a-null a Chanada. Chuir e grunn bhliadhnaichean seachad ann am Manitoba, àite nach do chòrd ris, agus thill e air ais dhachaigh ann an 1932. Rinn e a sheirbheis nàiseanta eadar 1942 agus 1945.
Chuir e a' chòrr de bheatha seachad ann an Leòdhas ag obair mar chroitear. Cha do phòs e a-riamh.
Tro sgrìobhadh, bha Murchadh a' togail air rudan a chunnaic e agus a thachair dha fhèin, ann an Leòdhas, ann an Canada agus tro bhliadhnaichean a' chogaidh.
Fhuair cuid de na dàin aige aithne tro bhith air an seinn le diofar chòmhlain-ciùil Gàidhlig, nam measg na h-Òganaich agus na Siaraich. Agus choisinn e fhèin duais airson Mi le m' Uillinn a sgrìobhadh nuair a sheinn na h-Òganaich e aig an Fhèis Pan-Celtic ann an Cill Airne ann an 1972.
Chaidh dà leabhar de bhàrdachd Mhurchaidh fhoillseachadh, An Toinneamh Dìomhair ann an 1973 agus Dàin Mhurchaidh ann an 1986.
Chaochail e air an 7mh là den t-Samhain 1982.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Murchadh a' beachdachadh air mar a dh'fhaodadh a bheatha a bhith gu math eadar-dhealaichte
Bidh mi ag ràdh rium fhèin, nan robh thu air fuireach thall, mur a biodh tu air tighinn dhachaigh a-riamh, tha mise creids' nach biodh a' bhàrdachd a th' ann an seo no a bhàrdachd a rinn mi ma ghabhas mi orm ri dàin gu leòr, ann a bhith ag ràdh a' bhàrdachd a rinn mi.
Tha mi a' smaoineachadh nam biodh mise air fuireach thall, 's iongantach gun robh a' bhàrdachd sin a-riamh ann. Nuair a tha duin' thall, fada bho dhùthaich, tha e air a ghearradh air falbh. Tha mar gum biodh freumh a dhualchais, tha e mar gum biodh e air a ghearradh air falbh. Tha e ann an dùthaich chèin, tha e air a chuairteachahd le nithean cèin agus cha bhi na nithean a bhios a' bioradh a' bhàird mu thimcheall a dhùthaich fhèin, 's iongantach gum biodh na nithean sin gam bhioradh-sa gu bàrdachd thall anns an dùthaich ud. Le sin, tha mi a' smaoineachadh nam bithinn-sa air fuireach thall, co-dhiù cha robh uimhir de bhàrdachd air a thighinn am follais le m'oidhirpean.
Air adhart gu
CuspaireanBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.