20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

Am Bàrd

Murchadh MacPhàrlain

Rugadh agus thogadh Murchadh MacPhàrlain ann am Mealabost, baile beag faisg air Steòrnabhagh, an Eilean Leòdhais. Anns an sgoil dh'ionnsaich e Beurla, Laideann agus beagan Frangais ach cha d'fhuair e a-riamh oideachadh ann an Gàidhlig.


Chaidh Murchadh a dh'obair dhan Mhorair Leverhulme air cuid de na sgeamaichean a bha e air a chur air chois air Eilean Leòdhais ach nuair nach do shoirbhich sin, coltach ri na mìltean eile, chaidh Murchadh a-null a Chanada. Chuir e grunn bhliadhnaichean seachad ann am Manitoba, àite nach do chòrd ris, agus thill e air ais dhachaigh ann an 1932. Rinn e a sheirbheis nàiseanta eadar 1942 agus 1945.


Chuir e a' chòrr de bheatha seachad ann an Leòdhas ag obair mar chroitear. Cha do phòs e a-riamh.


Tro sgrìobhadh, bha Murchadh a' togail air rudan a chunnaic e agus a thachair dha fhèin, ann an Leòdhas, ann an Canada agus tro bhliadhnaichean a' chogaidh.


Fhuair cuid de na dàin aige aithne tro bhith air an seinn le diofar chòmhlain-ciùil Gàidhlig, nam measg na h-Òganaich agus na Siaraich. Agus choisinn e fhèin duais airson Mi le m' Uillinn a sgrìobhadh nuair a sheinn na h-Òganaich e aig an Fhèis Pan-Celtic ann an Cill Airne ann an 1972.


Chaidh dà leabhar de bhàrdachd Mhurchaidh fhoillseachadh, An Toinneamh Dìomhair ann an 1973 agus Dàin Mhurchaidh ann an 1986.


Chaochail e air an 7mh là den t-Samhain 1982.


Latha-breith:

15 Gearran 1901

Àite:

Mealabost, Eilean Leòdhais

Foghlam:

Sgoil a' Chnuic, Leòdhas

Teacsa

Am bàrd ag innse mar a bhiodh spiorad na bàrdachd ga bhioradh

Nuair a bhios spiorad na bàrdachd ga mo bhioradh, nam b' e an rud e is gun gabhainn peann is pàipear is gu suidhinn sìos is gu sgrìobhainn e. Tha mi air faodainn a-mach trom fhèin fhiosrachadh fhèin nuair a bhios mi an urra ris a' pheann is ris a' phàipear, nach eil an nì a tha seo idir air a ghearradh air clàr mo chuimhne cho domhainn is cho ionmholta agus cho cunbhalach ris a' bhàrdachd a nì mi gun pheann, gun phàipear idir. Nise tha mi an dèidh faighinn a-mach nuair a bhios mi an urra ri mo chuimhne, 's e sin ris an dà inntinn, ris an inntinn mhothachail agus mar gum biodh ris an inntinn iarach agus ris an inntinn àrd no ris an inntinn àrd is an inntinn iarach.

Nise nuair a bhios mi an urra ris a' pheann is a' phàipear, cha bhi e idir air a ghearradh air clàr mo chuimhne mar a bhios e nuair nach bi pàipear no peann idir agam. Tha mi an uair sin an urra ri mo chuimhne gu tur agus 's e seo a nì a tha mi air faighinn a-mach, nuair a shuidheas mi sìos le peann is pàipear tha mi mar gum biodh a' leigeil mo chuideam air a' pheann is air a' phàipear. Ach nuair a bhios mi leam fhèin, is dòcha a' cur na mòine chun a' rathaid no a' gearradh a' choirce agus nuair a bhios spiorad na bàrdachd a' tighinn orm agus a bhios mi an uair sin an urra gu iomlan ri mo chuimhne, tha mi a-nise an dèidh tuigsinn nuair a bhios mi an urra ri mo chuimhne, tha a' chuimhne mar gum biodh i a' gearradh a h-uile càil air a clàr fhèin dhomh. Agus eadhon ged a chaillinn e aig an àm a tha lathair, thig e aig ceann sreath a-rithist.

Nise, 's e seo mar a tha mise a' faotainn spiorad na bàrdachd a thaobh cuimhne is 's ann dha mo bhioradh a bhios an spiorad a tha an seo. Bidh i ag ràdh siuthad, siuthad.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.