20mh linn / Meg Bateman

Cuspairean

Tha a' mhòr-chuid den bhàrdachd aig Meg Bateman mu dheidhinn ghnothaichean a' buntainn ri a beatha phearsanta agus a faireachdainn: mar eisimpleir, gaol agus teaghlach, a dàimh ri daoine agus àitichean agus ri rudan a tha air a bhith cudromach dhi na beatha. Uaireannan tha i a' bualadh air rudan eile cuideachd, leithid Cogadh a' Ghuilf, ach tha sin fhèin mar as trice air a cheangal ri a suidheachadh pearsanta aig an àm.


An rud as sònraichte mu bhàrdachd Meg Bateman, 's e cho fosgailte agus cho onarach is a tha i ann a bhith a' cur a faireachdainn an cèill. Tha seo gu h-àraidh fìor nuair a tha i toirt iomradh air suidhichidhean pearsanta den t-seòrsa air nach bi daoine glè thric dèidheil bruidhinn gu poblach.


Tha Bateman dha-rìribh sgileil air a smuaintean a chur an cèill gu soilleir, sìmplidh na bàrdachd. Tha i a' dèanamh seo ann am beagan bhriathran a tha an còmhnaidh air an deagh thaghadh.


Tha i a' cleachdadh an dà chuid saor-rannaigheachd agus stoidhle a tha dèanamh feum de chomhardadh agus de ìomhaighean den t-seòrsa a gheibhear anns na seann òrain gaoil gu h-àraidh.


Teacsa

Tha an stoidhl' sgrìobhaidh aice air atharrachadh

A' chiad bhàrdachd a rinn mi a-riamh, bha i na bu ghiorra agus na bu shìmplidh. A-nise, tha barrachd saorsa agam is saoilidh mi gu bheil mi a' feuchainn ri cùisean nas duilighe a chur ri chèile. Tha a' bhàrdachd nas fhaide. San latha an-diugh, tha tòrr dhith anns a' Bheurla is tha sin a' leigeil leam a bhith a' toirt a-steach iomraidhean air rudan Ameireaganach, rudan a bhuineas barrachd dhan chultar chumanta Bheurla againn.

Tha min dùil gu feum e a bhith ag atharrachadh tro na bliadhnaichean, no bhiodh tu a' fàs bored is cha bhiodh dad ùr agad ri dhèanamh. Fad an t-siubhail, tha thu a' feuchainn ri rud ùr a ràdh, rud do-innse, mar a chanadh Somhairle, a thoirt a-staigh ann.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.