20mh linn / Meg Bateman

Cuspairean

Tha a' mhòr-chuid den bhàrdachd aig Meg Bateman mu dheidhinn ghnothaichean a' buntainn ri a beatha phearsanta agus a faireachdainn: mar eisimpleir, gaol agus teaghlach, a dàimh ri daoine agus àitichean agus ri rudan a tha air a bhith cudromach dhi na beatha. Uaireannan tha i a' bualadh air rudan eile cuideachd, leithid Cogadh a' Ghuilf, ach tha sin fhèin mar as trice air a cheangal ri a suidheachadh pearsanta aig an àm.


An rud as sònraichte mu bhàrdachd Meg Bateman, 's e cho fosgailte agus cho onarach is a tha i ann a bhith a' cur a faireachdainn an cèill. Tha seo gu h-àraidh fìor nuair a tha i toirt iomradh air suidhichidhean pearsanta den t-seòrsa air nach bi daoine glè thric dèidheil bruidhinn gu poblach.


Tha Bateman dha-rìribh sgileil air a smuaintean a chur an cèill gu soilleir, sìmplidh na bàrdachd. Tha i a' dèanamh seo ann am beagan bhriathran a tha an còmhnaidh air an deagh thaghadh.


Tha i a' cleachdadh an dà chuid saor-rannaigheachd agus stoidhle a tha dèanamh feum de chomhardadh agus de ìomhaighean den t-seòrsa a gheibhear anns na seann òrain gaoil gu h-àraidh.


Teacsa

Na cuspairean as tric a bhios a' nochdadh

Nuair a thòisich mi b' e an gaol an cuspair bu chumanta. Bha an gaol mar seòrsa solas, mar seòrsa catalyst a bha ag iarraidh a' chuid is motha bhuam. Agus gu math tric bha mi mì-riarachte leis mar a bha mi. Bha mi a' faireachdainn gum bu chòir dhomh a bhith na b'fheàrr, na bu mhotha, na b'fhialaidhe airson faireachdainn a' ghaoil. Chan eil mi ag ràdh fiù 's airson fireannach sònraichte, ach an gaol fhèin. San latha an-diugh, tha barrachd ùidh agam ann an tìm agus anns a' bhàs. Tha mi aig ìre a-nise far a bheil mi a' coimhead air a' cheann thall.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.