Tha a' mhòr-chuid den bhàrdachd aig Meg Bateman mu dheidhinn ghnothaichean a' buntainn ri a beatha phearsanta agus a faireachdainn: mar eisimpleir, gaol agus teaghlach, a dàimh ri daoine agus àitichean agus ri rudan a tha air a bhith cudromach dhi na beatha. Uaireannan tha i a' bualadh air rudan eile cuideachd, leithid Cogadh a' Ghuilf, ach tha sin fhèin mar as trice air a cheangal ri a suidheachadh pearsanta aig an àm.
An rud as sònraichte mu bhàrdachd Meg Bateman, 's e cho fosgailte agus cho onarach is a tha i ann a bhith a' cur a faireachdainn an cèill. Tha seo gu h-àraidh fìor nuair a tha i toirt iomradh air suidhichidhean pearsanta den t-seòrsa air nach bi daoine glè thric dèidheil bruidhinn gu poblach.
Tha Bateman dha-rìribh sgileil air a smuaintean a chur an cèill gu soilleir, sìmplidh na bàrdachd. Tha i a' dèanamh seo ann am beagan bhriathran a tha an còmhnaidh air an deagh thaghadh.
Tha i a' cleachdadh an dà chuid saor-rannaigheachd agus stoidhle a tha dèanamh feum de chomhardadh agus de ìomhaighean den t-seòrsa a gheibhear anns na seann òrain gaoil gu h-àraidh.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
A bheil a' bhàrdachd aig Meg Bateman pearsanta?
Tha daoine ag ràdh gu bheil a' bhàrdachd agam pearsanta ach chan eil mi fhèin a' faireachdainn gu bheil i cho pearsanta ri sin. Nan robh duine gu bhith a' coimhead air an leabhar-là agam, bhithinn air mo mhaslachadh 's bhiodh e na b'fhaisge air na bha a' tachairt, is cha bhiodh e a' dol tro phròiseas sìolaidh a tha a' tighinn a-mach leis na rudan as doimhne.
Tòrr de na rudan a tha sinn a' smaoineachadh a tha eagalach pearsanta, bidh sinn uile gan dèanamh. Bidh sinn uile a' dèanamh an aon rud san taigh bheag. Tha sinn uile air ar tighinn gu bith tro feise, ged a tha sinn a' smaoineachadh gu bheil na rudan seo cho pearsanta ri gin. Agus 's e pàirt de phròiseas na bàrdachd agam a bhith a' toirt a-mach nan rudan nach buin dhan fhaireachdainn ann an dòigh do-sheachanta.
Agus tha mi uaireannan nàireach. Bidh mi uaireannan nàireach nuair a bhios mi a' leughadh, ach sin na dàin nach eil deiseil fhathast. Agus uaireannan, bidh mi a' tilleadh thuca is gan dèanamh nas doimhne, 's dòcha gur e sin am facal.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.