20mh linn / Meg Bateman

Cuspairean

Tha a' mhòr-chuid den bhàrdachd aig Meg Bateman mu dheidhinn ghnothaichean a' buntainn ri a beatha phearsanta agus a faireachdainn: mar eisimpleir, gaol agus teaghlach, a dàimh ri daoine agus àitichean agus ri rudan a tha air a bhith cudromach dhi na beatha. Uaireannan tha i a' bualadh air rudan eile cuideachd, leithid Cogadh a' Ghuilf, ach tha sin fhèin mar as trice air a cheangal ri a suidheachadh pearsanta aig an àm.


An rud as sònraichte mu bhàrdachd Meg Bateman, 's e cho fosgailte agus cho onarach is a tha i ann a bhith a' cur a faireachdainn an cèill. Tha seo gu h-àraidh fìor nuair a tha i toirt iomradh air suidhichidhean pearsanta den t-seòrsa air nach bi daoine glè thric dèidheil bruidhinn gu poblach.


Tha Bateman dha-rìribh sgileil air a smuaintean a chur an cèill gu soilleir, sìmplidh na bàrdachd. Tha i a' dèanamh seo ann am beagan bhriathran a tha an còmhnaidh air an deagh thaghadh.


Tha i a' cleachdadh an dà chuid saor-rannaigheachd agus stoidhle a tha dèanamh feum de chomhardadh agus de ìomhaighean den t-seòrsa a gheibhear anns na seann òrain gaoil gu h-àraidh.


Teacsa

Mar a thug sgrìobhadairean eile buaidh oirre

An toiseach, b' e Somhairle MacGill-Eain am prìomh eisimpleir a bh' agam, a chionn 's gu robh e a' gabhail ri paradox. Chan eil mòran freagairtean anns a' bhàrdachd aige, tòrr cheistean agus gu tric ag aideachadh gur e sin an suidheachadh, sin far a bheil am pian a' tighinn.

B' e bàrdachd Ghàidhlig a bha mi air ionnsachadh aig an Oilthigh agus tha min dùil gur e bàrdachd Ghàidhlig aig an àm bu mhotha a thug beachdan dhomh air dè an seòrsa rud a bha mi fhèin airson dèanamh. B' e Dòmhnall MacAmhlaigh an tidsear a bh' agam ann an Obar Dheathain agus bha e fhèin cho onarach na bhàrdachd 's gu bheil min dùil gu bheil mi fhèin chun an latha an-diugh a' faicinn bàrdachd mar àite airson bruidhinn a-mach air mar a tha rudan.

Gun a bhith a' bruidhinn air na beachdan a bu toil le daoine eile a bhith agad, gun a bhith tuilleadh is faiceallach mu bheachdan dhaoine eile, dìreach a bhith ag ràdh ann an dòigh nach eil sòisealta, ciamar a tha thu a' faireachdainn is dè tha thu a' faicinn.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.