Tha a' mhòr-chuid den bhàrdachd aig Meg Bateman mu dheidhinn ghnothaichean a' buntainn ri a beatha phearsanta agus a faireachdainn: mar eisimpleir, gaol agus teaghlach, a dàimh ri daoine agus àitichean agus ri rudan a tha air a bhith cudromach dhi na beatha. Uaireannan tha i a' bualadh air rudan eile cuideachd, leithid Cogadh a' Ghuilf, ach tha sin fhèin mar as trice air a cheangal ri a suidheachadh pearsanta aig an àm.
An rud as sònraichte mu bhàrdachd Meg Bateman, 's e cho fosgailte agus cho onarach is a tha i ann a bhith a' cur a faireachdainn an cèill. Tha seo gu h-àraidh fìor nuair a tha i toirt iomradh air suidhichidhean pearsanta den t-seòrsa air nach bi daoine glè thric dèidheil bruidhinn gu poblach.
Tha Bateman dha-rìribh sgileil air a smuaintean a chur an cèill gu soilleir, sìmplidh na bàrdachd. Tha i a' dèanamh seo ann am beagan bhriathran a tha an còmhnaidh air an deagh thaghadh.
Tha i a' cleachdadh an dà chuid saor-rannaigheachd agus stoidhle a tha dèanamh feum de chomhardadh agus de ìomhaighean den t-seòrsa a gheibhear anns na seann òrain gaoil gu h-àraidh.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Dealbh air mar a bhios i a' sgrìobhadh
Mar is trice tha pìos bàrdachd a' tighinn thugam mar faireachdainn, uaireannan mar abairt. Mas ann mar faireachdainn a tha e a' tighinn, feumaidh mi a bhith ag obrachadh a-mach cò às a tha am faireachdainn a' tighinn agus a bhith a' cur faclan orra. Mas e abairt a th' ann, feumaidh mi abairtean eile a lorg.
Bidh mi ga dhèanamh air a' choimpiutair - tòrr, tòrr dreachan dhen aon rud, tha min dùil uaireannan fichead dhiubh, ag atharrachadh rudan beaga bìodach. Agus mar as trice bidh e a' tòiseachadh nas fhaide agus mar a thèid mi air aghaidh, bidh e a' fàs nas luaithe. Agus aig an deireadh, tha mi airson faireachdainn gu bheil gach lide dheth anns an àite cheart, nach b' urrainn dha a bhith ann an dòigh eile. Chan eil fhios 'am am biodh duine eile ag aontachadh leam, nach b' urrainn dha a bhith ann an dòigh eile ach sin am faireachdainn a th'agam fhèin.
Agus mar as trice chan eil còrdadh riaghaltach ann, ach bidh mi daonnan a' toirt tòrr aire dhan chruth a th' air an rud agus bidh mi ga dhèanamh cho teann 's as urrainn dhomh agus bidh mi a' feuchainn cuideachd ri bhith a' cleachdadh gach rud a thig a-staigh, an dà rud mar rud nàdarrach agus mar shamhla.
Agus an uair sin nuair a tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi deiseil, nì mi eadar-theangachadh gu Beurla. Ach gu math tric, le bhith a' dèanamh an eadar-theangachaidh, bidh sin a' toirt beachdan ùra dhomh no sealladh ùr is bidh mi a' dol air ais dhan Ghàidhlig is mar sin bidh mi a' dol air ais is air aghaidh beagan.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.