20mh linn / Meg Bateman

Bàrdachd - Gàrradh Moray Place, an Dùn Eideann

Dàn 4

Gàrradh Moray Place, an Dùn Eideann


Tha an dàn seo mu ghàrradh poblach air an robh Meg Bateman eòlach ann am baile a breith, Dùn Èideann.


Anns a' chiad rann tha ìomhaighean dorcha, brònach, a' dol le seacadh agus bàs: 'duilleagan dubha', 'fàileadh searbh', 'sop odhar de cheò'. Anns an t-sealladh sin tha i a' faicinn sùilean a h-athar 'a' coimhead a-mach à bròn': tha i air innse an àite eile gun robh e a' fulang le tinneas inntinn a bha ga fhàgail brònach uaireannan.


Anns an dara rann, tha seat eadar-dhealaichte de ìomhaighean. Tha na taighean mòra mun cuairt a' ghàrraidh agus na cuilbh chlasaigeach nan comharran air neart, pròis agus adhartas.


Is e an t-ìoranas, am measg nan togalaichean làidir sin gur e seann bhanntraichean lapach, aonranach as motha a tha a' cleachdadh a' ghàrraidh. Ach tha iadsan làidir nan dòigh fhèin: a dh'aindeoin a h-uile rud, tha iad 'neo-eisimeileach' agus, ged a tha iomadh uallach oirre, tha iad gan cumail aca fhèin – 'ceilte' - agus a' cumail orra lem beatha.


Anns an rann mu dheireadh, tha a' bhana-bhàrd a' tarraing ar n-aire gu comharran beaga bòidhchid - agus dòchais 's dòcha: 'gliongartaich' nan clagan mu amhaich nan con agus na coin fhèin len ceumannan beaga, grinn agus duilleagan brèagha na craoibhe beithe. A bheil i a' ciallachadh gu bheil bòidhchead agus fàs a' faighinn làmh-an-uachdair air dìth dòchais? No bheil i dìreach ag innse mu na rudan a chunnaic i?


Gàrradh Moray Place, an Dùn Eideann

  • Duilleagan dubha air an fheur,
  • fàileadh searbh na cloiche taise;
  • sop odhar de cheò
  • ga ìsleachadh mu na craobhan;
  • a' coimhead a-mach à bròn,
  • mòr-shùilean m' athar;
  • duilleag a' snìomh gu làr –
  • gluasad m' aigne.
  • Mun cuairt, coire thaighean drùidhteach,
  • comharra aois glòir-mhiannaich,
  • òrduighean cholbh clasaigeach
  • nach aithnich laigse san duine.
  • Gàrradh tathaichte aig banntraichean
  • fàilligeach, neo-eisimeileach,
  • a' coiseachd ann an cianalas an làithean,
  • an uallaichean ceilte.
  • Ach cluinnear an seo gliongartaich
  • coilearan chon grinn-cheumnach
  • is chithear, fa chomhair nan taighean,
  • meanbh-dhuilleagan soilleir
  • gan leigeil sìos gu sèimh
  • aig a' bheithe chiùin, chuimir.

Gàrradh Moray Place, an Dùn Eideann

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn

Chaidh mo thogail faisg air Moray Place, ann an Ainslie Place 's bha coin againn a-riamh agus bhiodh sinn a' dol a-mach gu cunbhalach.

Bha mi ag innse dhuibh gu robh m'athair bochd, thàinig manic depression air agus bhiodh e a' dèanamh rudan sgràthail. Bha sinn air ar maslachadh leis uair no dhà. 'S e àite rudeigin leòmach a th' ann an New Town Dhùn Èideann agus le bhith a' dol a-mach dha na gàrraidhean le na coin, bha tòrr chraobhan brèagha, brèagha ann, craobhan beithe gu h-àraidh – 's e craobhan beithe as fheàrr leam. Agus saoilidh mise le bhith a' coimhead air mar a bha na craobhan gu h-àraidh a' fulang san fhoghar agus sa gheamhradh, a' dol tro na bh'aca ri dhol troimhe, agus cuideachd a bhith a' faicinn an seòrsa stòldachd ann an cuid de na nàbaidhean, na banntraichean a bha a' fulang cuideachd, ach a bha ro phròiseil sin a chur an cèill, gu robh mi ag ionnsachadh rudeigin.

Is mar sin tha i mu dheidhinn, tha min dòchas, foighidinn nàdair agus a bhith a' gabhail ri suidheachadh piantail.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Meg Bateman

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.