20mh linn / Meg Bateman

Bàrdachd - Pàrtaidh

Dàn 3

Tha an dàn goirid seo ag innse mar a choinnich a' bhana-bhàrd aig pàrtaidh ri fear leis an robh i, a rèir choltais, uaireigin ann an gaol. Ann am beagan bhriathran, air an taghadh gu sgileil, tha i a' cur an cèill cho tlachdmhor is a bha e, na beachd. Tha sinn a' faicinn seo tro abairtean mar 'do ghàire', 'aodann loinneil', 'gràs gluasad do làmhan', agus 'do shùilean soilleir'.


Tha i an uair sin ag innse, ann am briathran sìmplidh còmhraideach, dè tha fainear dhi – 's e sin, nach tèid i a-null a bhruidhinn ris. 'S e an dà loidhne mu dheireadh, anns a bheil i ag innse carson nach tèid, brìgh na bàrdachd. Tha dealbh aice na h-inntinn air co ris a tha e coltach agus, biodh an dealbh fìor no ceàrr, chan eil i airson an 'aisling' a mhilleadh le a dhol air ais na chuideachd.


Pàrtaidh

  • Mu dheireadh an dèidh mhìosan
  • tha mi rithist a' cluinntinn do ghàire,
  • is tron t-sluagh chì mi t' aodann loinneil
  • is gràs gluasad do làmhan;
  • ach cha tèid mi a-null thugad
  • a ghabhail do naidheachd,
  • oir chuirinn-sa sgàil nad shuilean soilleir
  • is theicheadh m' aisling de t' uallachd.

Pàrtaidh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Sgrìobh mi Pàrtaidh gu math òg na mo bheatha sgrìobhaidh agus saoilidh mi gu robh mi a' cur dà rud còmhla. Ach 's e dàn gaoil a th' ann nuair a tha mise air mo tharraing gu duine fhathast ach gu bheil agam ri aithneachadh nach eil esan ag iarraidh gnothach sam bith riumsa. Agus gu dearbha ma tha mi ag iarraidh sealladh a bhòidhchead a chumail, gu feum mi cumail a-mach à bheatha.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Meg Bateman

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.