Co mu dheidhinn a tha an dàn?
Thàinig seo thugam ann an 1993, tha fios agam a chionn 's gun rugadh mo mhac ann an 1993. Ach bha mi trang agus saoilidh mi nach do sgrìobh mi e gus am biodh e 's dòcha dà bhliadhna a dh'aois. Ach tha e mu dheidhinn rud sònraichte. Bha mi a-riamh beagan romansachail, riamh a' smaoineachadh gum biodh e na b'fheàrr a bhith beò aig àm diofraichte, ann an suidheachadh diofraichte agus le leanabh a bhith agam, b'fheudar dhomh aideachadh gur ann san fhicheadamh linn, aig deireadh an fhicheadamh linn a bha sinn beò, ann an Obar Dheathain, baile air nach robh mi ro mheasail, ann an suidheachadh doirbh a thaobh an teaghlaich. Sin e.
Agus bha mi a' cuimhneachadh air latha sònraichte nuair a bha e glè òg, dìreach beagan lathaichean agus chaidh mi a-mach còmhla ri mo mhàthair gus pram a cheannach, 's dòcha nach robh pram a dhìth oirnn ach iomadh rud eile - pampers, bath, sling etc. Agus bha mise cho goirt fhathast agus bha mo mhàthair fhèin crùbach agus chaill sinn an càr. Bha sinn sìos is suas anns a' mhulti-storey car park, latha doirbh. Ach bha na daoine anns na bùithtean uile cho failteachail dhan ghille beag a bha seo. Bha sin snog is thug sin orm a bhith a' smaoineachadh nach robh e gu diofar dè an suidheachadh fiosaigeach a bh'againn, b' e an t-àite a bha e a' gabhail anns a' choimhearsnachd a bha a' cunntadh.
Tha mi a' toirt spèis do Chatrìona a chionn 's gu bheil ise a' tòiseachadh pìos bàrdachd don ainm Eilidh anns an dearbh dòigh. Tha mi an dùil gu bheil a' chiad dà shreath dìreach co-ionann, Bha dùil 'am gu biodh tu agam, agus ise a-mach air Eilidh an nighean a bhith air a breith ann an Dùn Dèagh agus tha i ag ràdh nach eil i a' tuigsinn geamachan na cloinne an sin 's nach robh i an dùil gur ann an sin a bhiodh iad, ach gu bheil an dàimh dlùth eatorra. Mar sin thòisich mi anns an aon dòigh, ged a bha an co-dhùnadh agam beagan diofraichte.