Co mu dheidhinn a tha an dàn?
Bhris a' chiad chogadh anns a' Ghulf a-mach ann an 1990 is thàinig an dàn thugam an latha a bhris e a-mach agus b' e sin a' chiad mhadainn as dèidh dhomh cadal le athair mo mhic airson a' chiad turas. Agus bha mi gu mòr ann an gaol leis 's bha gach òirleach dhe chorp prìseil dhomh, agus bha e do-chreidsinn gu robh fireannaich òga a chaidh a thogail le màthraichean, a chaidh a bhiathadh le bainne a' chìch, gu robh fireannaich mar sin gan sadail an aghaidh a chèile air gach taobh, a' marbhadh càch a chèile an dearbh mhadainn a bha mise a' faireachdainn gu robh rud beannaichte, prìseil, mìorbhaileach air tachairt.
Agus gus an rud a dhèanamh nas gèire buileach, b' e latha brèagha, brèagha a bh' ann, a' ghrian a' deàrrsadh, mar a tha mi ag ràdh anns a' chiad rann, mar air a' chiad mhadainn, is bha mi a' smaoineachadh air neoichiontas a' chinne daonna agus cho fada ceàrr is a bha seo.
Is aig an deireadh tha mi a' toirt a-steach nan eun agus a chionn 's gun deach na pìoban ola a bhristeadh, chaidh tòrr chreutairean a bha buileach neoichiontach, na beathaichean is na h-eòin a tha nan samhla air sìth, chaidh an sliacradh ann an ola agus chaidh am marbhadh.