Oidhche Cogadh a' Ghulf
- Bha an seòmar ciùin geal mar eaglais
- nuair a dhùisg mi an-diugh 's mo ghaol ùr rim thaobh,
- a chuinnleanan a' lasadh an solas na maidne,
- is tharraing mi a cheann rim uchd
- air tuil toileachais
- cho buidhe 's cho fàsmhor ris a' chiad latha.
- A-nochd spreadhaidh na bomaichean (san dol seachad)
- beòil a dheothail bainne bho chìch,
- buill a dh'fhàs cruinn air bàrr na talmhainn,
- 's iad a' sracadh stuth na sìth' –
- feòil ar carthannais,
- a' slaodadh fiù 's nan eun geala a-nuas dhan drabastachd.
Oidhche Cogadh a' Ghulf
Tha spreadhadh nam bomaichean calg-dhìreach an aghaidh an t-seallaidh ghil, neoichiontaich, chiùin a thug i air gaol ùr. Tha i a' cur an dà rud aghaidh ri aghaidh mar seo airson buaidh a thoirt oirnn. Dè a' bhuaidh a tha aige ortsa?
Tha 'san dol seachad' a' ciallachadh gu bheil daoine air am marbhadh ri linn turchairt. Tha iad san àite cheàrr aig an àm cheàrr. Chan eil mòran diù aig duine dhaibh.
