Oidhche Cogadh a' Ghulf
- Bha an seòmar ciùin geal mar eaglais
- nuair a dhùisg mi an-diugh 's mo ghaol ùr rim thaobh,
- a chuinnleanan a' lasadh an solas na maidne,
- is tharraing mi a cheann rim uchd
- air tuil toileachais
- cho buidhe 's cho fàsmhor ris a' chiad latha.
- A-nochd spreadhaidh na bomaichean (san dol seachad)
- beòil a dheothail bainne bho chìch,
- buill a dh'fhàs cruinn air bàrr na talmhainn,
- 's iad a' sracadh stuth na sìth' –
- feòil ar carthannais,
- a' slaodadh fiù 's nan eun geala a-nuas dhan drabastachd.
Oidhche Cogadh a' Ghulf
Tha an dath geal an còmhnaidh a' seasamh airson neoichiontas, ceartas agus ciùine. Tha 'mar eaglais' a' daingneachadh sin.
