20mh linn / Meg Bateman

Am Bàrd

Meg Bateman

Thogadh Meg Bateman ann an Dùn Èideann ann an dachaigh far nach robh Gàidhlig air a bruidhinn. Dh'ionnsaich i Gàidhlig gu fileanta, a' toirt a-mach ceum anns a' chànan ann an Oilthigh Obar Dheathain agus an uair sin tràchdas PhD air bàrdachd chràbhach chlasaigeach na Gàidhlig.


Thòisich i a' sgrìobhadh bàrdachd nuair a bha i mu 24 bliadhna.


Chaidh a' chiad leabhar aig Meg, Òrain Ghaoil, fhoillseachadh ann an 1990. Nochd Aotromachd is Dàin Eile ann an 1997 agus chaidh a chur air adhart airson Duais Stakis na bliadhna sin. Chaidh an treas leabhar aice, Soirbheas, fhoillseachadh ann an 2007 agus chaidh a chur air adhart airson Duais Litreachais Saltire na bliadhna. Tha na dàin aice cuideachd air nochdadh ann an iomadh iris thar nam bliadhnaichean, nam measg Gairm, Chapman agus Lines Review.


Tha ùidh mhòr aig Meg ann am bàrdachd agus cuide ri Wilson Macleòid, chruinnich i seann bhàrdachd Ghàidhlig bho c.600 gu 1600 AD a chaidh fhoillseachadh ann an 2007 san leabhar, Duanaire na Sracaire.


Tha i air a bhith a' teagaisg ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Obar Dheadhain agus tha i na h-Òraidiche Urramach ann an Oilthigh Chill Rìmhinn.


Tha Meg 's a mac, Colm, an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach far a bheil i a' teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig.


Latha-breith:

13 Giblean 1959

Àite:

Dùn Èideann

Foghlam:

Sgoil Mary Erskine, Dùn Èideann

Oilthigh Obar Dheathain

Teacsa

Carson is e Aotromachd an t-ainm a thug i an dàrna leabhar?

Dh'ainmich mi an co-chruinneachadh Aotromachd a chionn 's gu robh mi an dùil gur e Aotromachd an dàn as fheàrr a bha anns a' chruinneachadh sin. Cha b' ann idir a chionn 's gu bheil a' bhàrdachd fhèin aotrom, tha tòrr dhen bhàrdachd sin rudeigin dòrainneach. Ach nuair a thig dàn còmhla, nuair a tha a h-uile sìon anns an àite cheart, nuair a tha e cho grìnn 's as urrainn dha a bhith, bidh e uaireannan a' faireachdainn aotrom – mar helium balloon. Mar sin 's dòcha gu bheil beagan dhen sin ann cuideachd.

Tha mi cinnteach nan leughadh cuideigin iad anns an òrdugh anns an deach an sgrìobhadh, gu faigheadh iad sealladh air na bha a' dol air adhart na mo bheatha, mas e sin an rud as cudromaiche mu dheidhinn bàrdachd. Saoilidh mi nach e. Saoilidh mi gur e toileachadh foirmeil is inntinnich ann am pìos bàrdachd, ciamar a tha e ag obair. Ach tha ar sròn a' cur dragh oirnn. Bidh mi fhèin ga dhèanamh, bidh mi a' smaoineachadh mu dheidhinn beatha a' bhàird cuideachd.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.