20mh linn / Maoilios Caimbeul

Cuspairean

Tha Maoilios Caimbeul a' ruith air grunn chuspairean na bhàrdachd, nam measg: a' Ghàidhlig agus dualchas na Gàidhealtachd, creideamh agus mì-chreideamh, poilitigs, àiteachan is atharraichidhean, agus gaol. Tha e cuideachd uaireannan a' beachdachadh air ceistean farsaing mar beatha is bàs agus nàdar a' mhac-meanmna is na bàrdachd.


Mar bhàrd, tha guth socair, domhainn, meòrachail aig Maoilios Caimbeul agus cuideachd mac-meanmna beòthail.


Tha e glè thric a' feuchainn a-mach diofar dhòighean sgrìobhaidh na bhàrdachd. Uaireannan, mar eisimpleir, bidh e a' measgachadh rannaigheachd shaor an ùr-nòis ri ceòl agus ruithimean na bàrdachd thraidiseanta. Tha alt aige air ìomhaighean a shnìomh ri chèile gu sgileil ach uaireannan eile tha e a' cleachdadh modh-sgrìobhaidh sìmplidh, dìreach.


Teacsa

Comhairle mu sgrìobhadh

A thaobh a bhith a' sgrìobhadh sgeulachd, 's e a bhith a' dèanamh sgeidseachan air na caractaran an toiseach a tha mi smaoineachadh a tha cudromach agus gum bi beachd agad air dè am plot a tha gus a bhith agad anns an sgeulachd oir tha daoine ag iarraidh faighinn a-mach dè tha dol a thachairt is mar sin air adhart. Agus dh'fheumadh beachd air choreigin a bhith agad mus tòisich thu a' sgrìobhadh air dè a tha gus a bhith san leabhar.

A thaobh bàrdachd, uill is dòcha a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn rud, agus ma thig ìomhaigh thugad sin a sgrìobhadh sìos, an ìomhaigh a sgrìobhadh sìos. Ach cuideachd, bàrdachd dhaoine eile a leughadh. Tha sin cudromach, gu h-àraidh ma tha thu ag iarraidh bàrdachd anns an nòs ùr a sgrìobhadh. Leugh stuth le daoine eile agus an uair sin ionnsaich mar a tha iadsan ga dhèanamh. Tha tòrr ann. Ged a tha bàrdachd a' coimhead sìmplidh, tha e gu math doirbh bàrdachd mhath a sgrìobhadh agus feumaidh tu leughadh stuth le daoine eile airson faighinn a-mach ciamar a rinn iadsan e agus dè na sgilean a th' air a' chùlaibh. Agus aon uair 's gun dèan thu sin, bidh e nas fhasa dhut fhèin an uair sin nuair a tha thu a' tighinn gu sgrìobhadh. Tha fhios agad air na cruthan a th' ann a thaobh bàrdachd, air meadrachd is rudan mar sin agus bidh e nas fhasa dhut an uair sin do chruth fhèin a chur air an rud a tha thu ag iarraidh a dhèanamh.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.