20mh linn / Maoilios Caimbeul

Cuspairean

Tha Maoilios Caimbeul a' ruith air grunn chuspairean na bhàrdachd, nam measg: a' Ghàidhlig agus dualchas na Gàidhealtachd, creideamh agus mì-chreideamh, poilitigs, àiteachan is atharraichidhean, agus gaol. Tha e cuideachd uaireannan a' beachdachadh air ceistean farsaing mar beatha is bàs agus nàdar a' mhac-meanmna is na bàrdachd.


Mar bhàrd, tha guth socair, domhainn, meòrachail aig Maoilios Caimbeul agus cuideachd mac-meanmna beòthail.


Tha e glè thric a' feuchainn a-mach diofar dhòighean sgrìobhaidh na bhàrdachd. Uaireannan, mar eisimpleir, bidh e a' measgachadh rannaigheachd shaor an ùr-nòis ri ceòl agus ruithimean na bàrdachd thraidiseanta. Tha alt aige air ìomhaighean a shnìomh ri chèile gu sgileil ach uaireannan eile tha e a' cleachdadh modh-sgrìobhaidh sìmplidh, dìreach.


Teacsa

Mar a tha an sgrìobhadh aige air atharrachadh

Tha mi a' smaoineachadh gum bi mi a' sgriobhadh barrachd bàrdachd le meadrachd a-nise na bha mi a thaobh cruth na bàrdachd. Agus 's dòcha gu bheil na cuspairean ag atharrachadh cuideachd gu ìre. Mar a bha mi ag ràdh, tha barrachd creideimh na mo bhàrdachd a-nise na bh' ann roimhe 's dòcha. Tha mi ciallachadh le sin, tha mi a' creidsinn. Chan eil mi cho eu-dòchasach mu dheidhinn rudan 's a b'àbhaist dhomh a bhith. Tha mi a'creidsinn ann an Dia, mar eisimpleir, a-nise agus ann an Crìosda. Agus aig aon àm, cha robh mi uabhasach cinnteach mu na rudan mar sin.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.