Tha Maoilios Caimbeul a' ruith air grunn chuspairean na bhàrdachd, nam measg: a' Ghàidhlig agus dualchas na Gàidhealtachd, creideamh agus mì-chreideamh, poilitigs, àiteachan is atharraichidhean, agus gaol. Tha e cuideachd uaireannan a' beachdachadh air ceistean farsaing mar beatha is bàs agus nàdar a' mhac-meanmna is na bàrdachd.
Mar bhàrd, tha guth socair, domhainn, meòrachail aig Maoilios Caimbeul agus cuideachd mac-meanmna beòthail.
Tha e glè thric a' feuchainn a-mach diofar dhòighean sgrìobhaidh na bhàrdachd. Uaireannan, mar eisimpleir, bidh e a' measgachadh rannaigheachd shaor an ùr-nòis ri ceòl agus ruithimean na bàrdachd thraidiseanta. Tha alt aige air ìomhaighean a shnìomh ri chèile gu sgileil ach uaireannan eile tha e a' cleachdadh modh-sgrìobhaidh sìmplidh, dìreach.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Na cuspairean as trice a tha a' nochdadh na sgrìobhadh
Tha mi air sgrìobhadh mu dheidhinn tòrr dhiofar rudan, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil an teannachadh a th' ann, an tension a th' ann eadar seann rudan is rudan ùra, gu bheil sin ag èirigh gu math tric anns a' bhàrdachd agam. Agus cuideachd an teannachadh a tha eadar creideamh agus mì-chreideamh, gu bheil tòrr dhen sin air a bhith anns a' bhàrdachd agam.
Ach cuideachd an seòrsa dreuchd a bh' aig m' athair, a' dol bho àite gu àite nuair a bha mi òg... tha mi air a bhith a' fuireach ann an diofar àitichean agus tha na h-àitichean fhèin air buaidh a thoirt air an t-seòrsa stuth a tha mi a' sgrìobhadh. Tha mi air dàin a sgrìobhadh mu dheidhinn Muile, dàin mu dheidhinn Leòdhas agus mu dheidhinn an Eilean Sgitheanach, àiteachan far an robh mi air a bhith a' fuireach. Sin an seòrsa buaidhean a th' ann, tha mi a' smaoineachadh.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.