Tha Maoilios Caimbeul a' ruith air grunn chuspairean na bhàrdachd, nam measg: a' Ghàidhlig agus dualchas na Gàidhealtachd, creideamh agus mì-chreideamh, poilitigs, àiteachan is atharraichidhean, agus gaol. Tha e cuideachd uaireannan a' beachdachadh air ceistean farsaing mar beatha is bàs agus nàdar a' mhac-meanmna is na bàrdachd.
Mar bhàrd, tha guth socair, domhainn, meòrachail aig Maoilios Caimbeul agus cuideachd mac-meanmna beòthail.
Tha e glè thric a' feuchainn a-mach diofar dhòighean sgrìobhaidh na bhàrdachd. Uaireannan, mar eisimpleir, bidh e a' measgachadh rannaigheachd shaor an ùr-nòis ri ceòl agus ruithimean na bàrdachd thraidiseanta. Tha alt aige air ìomhaighean a shnìomh ri chèile gu sgileil ach uaireannan eile tha e a' cleachdadh modh-sgrìobhaidh sìmplidh, dìreach.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
An àite a tha aig ìomhaighean na bhàrdachd
Tha ìomhaighean gu math cudromach do bhàrdachd, tha mise a' smaoineachadh. 'S e rud gu math cudromach a th' ann an ìomhaighean agus bidh mi a' feuchainn ri ìomhaighean a thoirt a-steach. Tha fuaim cudromach cuideachd, an ceòl agus an ruitheam a th'aig na briathran, tha sin cudromach. 'S dòcha gun tig ìomaigh thugad 's ma thig, tha thu fortanach. Ach chan urrainn dhomh a ràdh gu bheil mi a' strì airson ìomhaighean, an dara cuid, thig iad no cha tig iad. Sin mar a tha e ag obrachadh dhòmhsa.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.