20mh linn / Maoilios Caimbeul

Bàrdachd - Aodainn

Dàn 3

'S e dàn sìmplidh, inntinneach a tha seo anns a bheil Maoilios Caimbeul a' togail air an ìomhaigh thraidiseanta gu bheil aodainn dhaoine mar 'leabhraichean' anns an urrainn dhut an eachdraidh agus an nàdar a leughadh.


Tha e a' leudachadh air an ìomhaigh àbhaistich seo le bhith a' samhlachadh nan sùilean ri litrichean. Tha e a' crìochnachadh na bàrdachd le bhith ag ràdh gur e aodainn 'sàr-litreachas' an t-saoghail.


Aodainn

  • Chan eil leabhraichean ann
  • mar leabhraichean nan aodann,
  • a h-uile fear na stòraidh sgrìobht':
  • cuid dhuibh domhainn, dàna,
  • cuid dhiubh làn de ghàire,
  • cuid eile laghach, sàmhach,
  • cuid a' teannadh thugad,
  • is cuid a' falbh thar fàire
  • is cuid le cràdh ri aithris;
  • litrichean nan sùl
  • a' danns' air oir na duilleig
  • 's a sgeulachd ga sgrìobhadh
  • 's a' bheatha dol seachad;
  • duilleag eile an-diugh,
  • tè airson gach latha.
  • Leabhraichean brèagh nan aodann,
  • leabhraichean àlainn nan daoine –
  • àrd-sgrìobhaidhean an t-saoghail.

Aodainn

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Sgrìobh mi an dàn a bha sin nuair a bha mi a' fuireach ann an Geàrrloch. Bha mi dìreach a' smaoineachadh air aodainn dhaoine, cho eadar-dhealaichte 's a tha iad is mar a tha iad fhèin ag innse stòraidhean no sgeulachdan ann an aodainn duine. Cuideachd mar a tha thu a' dol tro do bheatha, tha d'aodann ag atharrachadh. 'S dòcha mar a tha rud math no rud dona a' tachairt dhut, bidh diofar stòraidh aig d'aodann an uair sin.

Tha e dìreach a' cluiche leis a' bheachd a tha sin, gu bheil sin a' tachairt ann am beatha dhaoine. Agus cho brèagha is a tha aodainn dhaoine uaireannan, is iad ag innse sgeulachd bhrèagha no faodaidh iad a bhith brònach cuideachd.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Maoilios Caimbeul

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.