20mh linn / Maoilios Caimbeul

Bàrdachd - Glaschu

Dàn 2

Anns an dàn seo, tha am bàrd a' dèiligeadh ri cho doirbh is a tha e gabhail ris gu bheil daoine a tha dlùth dhuinn, mar a mhàthair fhèin, a' bàsachadh agus nach till iad tuilleadh.


Nuair a bha e na bhalach bha Glaschu dha mar àite dìomhair, fad às, dham biodh daoine uaireannan a' dol agus chan fhaiceadh tu airson greis iad.


Na bhalach, bha e na b' fhasa dhan bhàrd gabhail ris gun robh a mhàthair fhathast beò – ach ann an àite eile far nach fhaiceadh e i, mar Glaschu. A-nise, is e air tighinn gu aois, tha e a' tuigsinn dè tha ann am bàs agus tiodhlacadh ach tha Glaschu fhathast air cùl a smuaintean. Tha e doirbh dha gabhail ris a' bhàs. No, mar a tha e a' crìochnachadh, 'tha e doirbh fàs mòr'.


Glaschu

  • An uair a bha mi nam leanabh
  • cha chreidinn gun caochaileadh
  • mo mhàthair aon latha.
  • Bha mi dìreach ga àicheadh
  • gu tur.
  • Uaireannan dheigheadh i a Ghlaschu –
  • airs bith cà robh Glaschu –
  • agus thilleadh i.
  • Sin e, nuair a chaochaileadh i,
  • bhitheadh i ann an Glaschu.
  • Cha robh mi air tiodhlacadh fhaicinn.
  • 'S ged a tha a-nis,
  • tha Glaschu fhathast
  • air oir mo smuain.
  • Tha e doirbh fàs mòr.

Glaschu

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Bha mi a' smaoineachadh air ais nuair a bha mi 's dòcha còig bliadhna a dh'aois. Bha sinn a' fuireach ann am Borgh ann an Leòdhas an uair sin. Cha bhiodh mo mhàthair a' cumail uabhasach math uaireannan agus bhiodh i a' falbh a Ghlaschu, 's dòcha dhan ospadal. Agus bha mi a' smaoineachadh, uill dè nam bàsaicheadh i, no càite am biodh i? Am biodh i ann an Glaschu?

Tha mi a' smaoineachadh gur ann mu dheidhinn sin a tha an dàn ann an dòigh, mu dheidhinn beatha agus bàs. Cha robh mi ag iarraidh creidsinn gum bàsaicheadh mo mhàthair no gum bàsaicheadh duine. Dè a bha a' dol a thachairt, 's dòcha gum biodh iad an àiteigin eile, nach biodh iad ann an Barabhas as dèidh a h-uile cail, gum biodh iad ann an Glaschu no àiteigin mar sin.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Maoilios Caimbeul

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.