20mh linn / Maoilios Caimbeul

Bàrdachd - An t-Eilean na Bhaile

'S ann mu dheidhinn Muile a tha an dàn seo, eilean far an robh am bàrd a' fuireach aig an àm agus anns a bheil tòrr de luchd-imrich air tighinn a dh'fhuireach o chionn bhliadhnaichean. Tha a' bhàrdachd a' dèanamh coimeas eadar eilean a bha uaireigin ainmeil ann an eachdraidh treubha (na Gàidheil) aig an robh dualchas sean agus beairteach, agus an dòigh-beatha a thàinig na àite. Chì sinn ìomhaighean air: an seann saoghal, an saoghal ùr agus coimeas eadar na dhà.


Tha am bàrd a' dèanamh coimeas eadar dà shaoghal: seann saoghal 'treubhail' air a riochdachadh le 'eilean' agus saoghal ùr gun bun-stèidh dualchais – am baile. Tha e a' tilleadh chun an dà ìomhaigh seo a-rithist san loidhne mu dheireadh.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


An t-Eilean na Bhaile

  • Ann an dòigh 's e baile a th' ann am Muile,
  • ann am baile tha na treubhan measgte.
  • 'S e baile th' ann le sluagh sgapte
  • mar a tha an saoghal a' fàs gu bhith na bhaile,
  • na seann luachan, treubh is cinneadh,
  • a' seargadh ann an saoghal gnìomhachais, teicnigeach.
  • Chunnaic mi dà chloich nan seasamh nan aonar –
  • chaidh lèanag fhàgail dhaibh anns a' choille ghiuthais,
  • clachan 's dòcha a thogadh nuair a bha a' ghealach naomh,
  • iad nan seasamh mar dhà phrionnsa, no prionnsa 's a ghràdh,
  • nan clachan-cuimhne do shìol rìoghail.
  • Treubh a chaidh à bith.
  • Chunnaic mi clach eile – Dòmhnall Moireasdan, Àrd Tuna,
  • ceithir fichead 's a còig deug, is inntinn geur mar sgithinn,
  • làn de sheanchas is bàrdachd a threubha,
  • colbh sgairteil de Chlann na h-Oidhche,
  • agus timcheall air am baile a' fàs –
  • baile nach tuig e - luachan do-ruigsinn dha chèile.
  • Tha am prionnsa na chloich anns a' choille,
  • agus treubh ùr air a thighinn.
  • Chan eil rìgh nam measg a dhearbhas a threòir.
  • Is tuath iad le cridheachan pàipeir;
  • pàtaranan faoine a' losgadh.
  • Cha dèan na mnathan gaoir tuilleadh, is an t-eilean na bhaile.

An t-Eilean na Bhaile

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Mar a thug an ùine ann am Muile buaidh air

Bha mi a' fuireach ann an diofar eileanan mar a bha mi ag ràdh agus an rud a sheall Muile dhomh, b' e cho eadar-dhealaichte 's a dh'fhaodadh eileanan a bhith bho chèile . Ann am Muile, cha robh e coltach ri Leòdhas mar eisimpleir idir agus nuair a bha mise ann, bha beagan Gàidhlig aig na seann daoine fhathast agus dh'fhaodadh gu bheil sin fìor fhathast. Ach aig an àm sin, bha grunn dhaoine ann an Tobar Mhoire aig an robh Gàidhlig. Daoine mar Aonghas MacEanruig, b' e seannachaidh a bh' annsan is bha tòrr sgeulachdan aige. Bha daoine eile ann mar Aonghas Mac an t-Saoir agus Iain MacPhàrlain is daoine mar sin agus bhiodh iad a' bruidhinn Gàidhlig agus bha thu a' faighinn blas air co ris a bha Muile coltach.

Ach aig an aon àm, bha thu a' faicinn gu robh na daoine sin a' falbh agus a' Ghàidhlig a' sìoladh às agus tha mi a' smaoineachadh gun tug sin buaidh orm, gu faca mi cho fada air ais is a bha a' Ghàidhlig air a dhol ann am Muile an taca ris an Eilean Sgitheanach mar eisimpleir aig an àm sin. Tha rudan air tachairt bhon uair sin ann am Muile, tha cròileagan ann is tha clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig ann. Cha robh aig an àm sin. Cha robh sin ann is bha an suidheachadh a' coimhead 's dòcha beagan na bu mhì-dhòchasaiche an uair sin na tha e a-nise.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Maoilios Caimbeul

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.