20mh linn / Maoilios Caimbeul

Bàrdachd - An t-Eilean na Bhaile

'S ann mu dheidhinn Muile a tha an dàn seo, eilean far an robh am bàrd a' fuireach aig an àm agus anns a bheil tòrr de luchd-imrich air tighinn a dh'fhuireach o chionn bhliadhnaichean. Tha a' bhàrdachd a' dèanamh coimeas eadar eilean a bha uaireigin ainmeil ann an eachdraidh treubha (na Gàidheil) aig an robh dualchas sean agus beairteach, agus an dòigh-beatha a thàinig na àite. Chì sinn ìomhaighean air: an seann saoghal, an saoghal ùr agus coimeas eadar na dhà.


Tha am bàrd a' dèanamh coimeas eadar dà shaoghal: seann saoghal 'treubhail' air a riochdachadh le 'eilean' agus saoghal ùr gun bun-stèidh dualchais – am baile. Tha e a' tilleadh chun an dà ìomhaigh seo a-rithist san loidhne mu dheireadh.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


An t-Eilean na Bhaile

  • Ann an dòigh 's e baile a th' ann am Muile,
  • ann am baile tha na treubhan measgte.
  • 'S e baile th' ann le sluagh sgapte
  • mar a tha an saoghal a' fàs gu bhith na bhaile,
  • na seann luachan, treubh is cinneadh,
  • a' seargadh ann an saoghal gnìomhachais, teicnigeach.
  • Chunnaic mi dà chloich nan seasamh nan aonar –
  • chaidh lèanag fhàgail dhaibh anns a' choille ghiuthais,
  • clachan 's dòcha a thogadh nuair a bha a' ghealach naomh,
  • iad nan seasamh mar dhà phrionnsa, no prionnsa 's a ghràdh,
  • nan clachan-cuimhne do shìol rìoghail.
  • Treubh a chaidh à bith.
  • Chunnaic mi clach eile – Dòmhnall Moireasdan, Àrd Tuna,
  • ceithir fichead 's a còig deug, is inntinn geur mar sgithinn,
  • làn de sheanchas is bàrdachd a threubha,
  • colbh sgairteil de Chlann na h-Oidhche,
  • agus timcheall air am baile a' fàs –
  • baile nach tuig e - luachan do-ruigsinn dha chèile.
  • Tha am prionnsa na chloich anns a' choille,
  • agus treubh ùr air a thighinn.
  • Chan eil rìgh nam measg a dhearbhas a threòir.
  • Is tuath iad le cridheachan pàipeir;
  • pàtaranan faoine a' losgadh.
  • Cha dèan na mnathan gaoir tuilleadh, is an t-eilean na bhaile.

An t-Eilean na Bhaile

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Bha mi a' fuireach ann am Muile aig an àm agus bha mi a' smaoineachadh gu robh rudan ag atharrachadh anns an t-saoghal a th' againn, gu robh an dùthaich mar gum biodh a' fàs nas coltaiche ri baile mòr, le luachan a' bhaile mhòir agus luachan na margaid is airgid cho cudromach. Tha mi a' smaoineachadh gur e sin a th' air cùl an rud, mar a tha luachan dhaoine ag atharrachadh.

Aig aon àm bha daoine a' cur luach anns an teaghlach agus ann an sinnsearachd agus rudan mar sin, anns an àite as an robh iad a' fuireach agus bha mi a' smaoineachadh gu robh sin ag atharrachadh agus gu robh barrachd ùidh aig daoine ann an airgead is ann a bhith a' faighinn rudan na tha aca ann an daoine agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin a th' air a' chùlaibh.

Bha duine ann Dòmhnall Moireasdan, Ard-tuna, a th' air ainmeachadh anns an dàn. B' e seannachaidh a bh' ann ann am Muile. Choinnich mi ris nuair a bha e, tha mi creidsinn gu robh e còrr is naochad bliadhna a dh'aois nuair a choinnich mi ris an toiseach ach bha fhathast an inntinn aige cho geur agus bha cuimhne uabhasach math aige. Bha e ag innse sgeulachdan is ag aithris bàrdachd agus 's e Moireasdan an t-ainm a bh' air, agus mar a chanadh e fhèin b' ann bho chlann na h-oidhche a thàinig a shliochd ann am Muile. Na Muiricheasan, 's e seanachaidhean is bàird a bh' annta anns na seann làithean 's bha an ceangal a bha sin ann. Thàinig a h-uile càil còmhla anns an dàn a tha seo.

Bhithinn a' dràibhadh à Tobar Mhoire gu Dearabhaig agus bhithinn a' faicinn an dà chloich a bha seo, clachan nan seasamh anns a' choille, agus bha mi a' smaoineachadh gu robh iad seo nan samhla air na seann làithean. 'S dòcha air an t-saoghal a dh'fhalbh, nuair a bha an saoghal gu tur eadar-dhealaichte is an treubh gu math cudromach. Tha a h-uile càil dhen sin a' tighinn còmhla anns an dàn a tha sin, tha min dòchas.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Maoilios Caimbeul

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.