Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
An t-Eilean na Bhaile
- Ann an dòigh 's e baile a th' ann am Muile,
- ann am baile tha na treubhan measgte.
- 'S e baile th' ann le sluagh sgapte
- mar a tha an saoghal a' fàs gu bhith na bhaile,
- na seann luachan, treubh is cinneadh,
- a' seargadh ann an saoghal gnìomhachais, teicnigeach.
- Chunnaic mi dà chloich nan seasamh nan aonar –
- chaidh lèanag fhàgail dhaibh anns a' choille ghiuthais,
- clachan 's dòcha a thogadh nuair a bha a' ghealach naomh,
- iad nan seasamh mar dhà phrionnsa, no prionnsa 's a ghràdh,
- nan clachan-cuimhne do shìol rìoghail.
- Treubh a chaidh à bith.
- Chunnaic mi clach eile – Dòmhnall Moireasdan, Àrd Tuna,
- ceithir fichead 's a còig deug, is inntinn geur mar sgithinn,
- làn de sheanchas is bàrdachd a threubha,
- colbh sgairteil de Chlann na h-Oidhche,
- agus timcheall air am baile a' fàs –
- baile nach tuig e - luachan do-ruigsinn dha chèile.
- Tha am prionnsa na chloich anns a' choille,
- agus treubh ùr air a thighinn.
- Chan eil rìgh nam measg a dhearbhas a threòir.
- Is tuath iad le cridheachan pàipeir;
- pàtaranan faoine a' losgadh.
- Cha dèan na mnathan gaoir tuilleadh, is an t-eilean na bhaile.
An t-Eilean na Bhaile
Tha e soilleir nach e baile a tha ann am Muile gu litireil ach eilean. Tha e a' glacadh ar n-aire le bhith ag ràdh seo ach dè a tha e a' ciallachadh leis? Tha e ag ràdh 'ann an dòigh' ach dè an dòigh?
Is e am freagairt gu bheil am facal 'baile' an seo na ìomhaigh air seòrsa àraidh de dhòigh-beatha. Tha e a'toirt mìneachadh dhuinn anns na loidhnichean às dèidh seo.
