20mh linn / Maoilios Caimbeul

Am Bàrd

Maoilios Caimbeul

B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bh' ann an athair Mhaoilios agus ri linn sin, chuir e seachad òige ann an iomadh àite, nam measg An t-Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus Siorrachd Inbhir Nis.


Chaidh e dhan Chabhlach Mharsantach nuair a bha e 16 bliadhna agus thug sin dha an cothrom mòran dhùthchannan den t-saoghal fhaicinn. Bha Maoilios còrr air 26 bliadhna mus do dh'ionnsaich e sgrìobhadh ann an Gàidhlig (ged a bha e air làn chomais a bruidhinn 's a leughadh) agus bha e còrr is 30 bliadhna nuair a cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann is Colaiste Chnoc Iordain 's a chaidh e a theagaisg Gàidhlig. Bha e a' teagaisg ann an Àrd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile agus an uair sin ann an Geàrrloch.


Tha 6 leabhraichean den bhàrdachd aig Maoilios air fhoillseachadh: Eileanan (1980), Bailtean (1987), A' Càradh an Rathaid (1988), A' Gabhail Ris (1994), Saoghal Ùr (2002) agus am fear as ùire, Breac a' Mhuiltein (2007), cruinneachadh den bhàrdachd aige bho 1974 le eadar-theangachadh gu Gaeilge na h-Èireann.


A bharrachd air bàrdachd, tha Maoilios cuideachd aithnichte airson a bhith a' sgrìobhadh rosg agus nobhailean do chlann agus deugairean, nam measg Clann a' Phroifeasair (1988) agus Iain agus na Drogaichean (1993).


Tha e air iomadh duais a chosnadh airson sgrìobhadh, agus tha aithne air a chuid sgrìobhaidhean gu h-eadar-nàiseanta agus ann an Alba. Choisinn e Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2002 agus 's e Sgrìobhadair Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus a Cultair, Sabhal Mòr Ostaig, airson a' bhliadhna 2008.


Chaidh fhastadh mar Sgrìobhadair gu pròiseact a chuir Urras Shomhairle air bhonn ann am Bliadhna Chultarach na Gàidhealtachd, gus beatha Shomhairle MhicGill-Eain a chomharrachadh. Bha e ag obair cuide ri sgoilearan à Àrd-sgoil A' Phluic airson bàrdachd ùr a sgrìobhadh bhon obair a rinn iad air Dàin do Eimhir.


Leig Maoilios dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann an 2005 ach bidh e fhathast a' sgrìobhadh 's a' teagaisg. Tha e an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach.


Latha-breith:

23 Màrt 1944

Àite:

Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Àrd-sgoil Phort-rìgh

Colaiste a' Chaisteil, Leòdhas

Oilthigh Dhùn Èideann

Colaiste Cnoc Iordain, Glaschu

Teacsa

An t-eadar-dhealachadh eadar sgrìobhadh bàrdachd agus rosg

Tha bàrdachd 's dòcha a' tighinn thugad as dèidh a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn rud airson greis. 'S dòcha gun tig ìomhaigh air choreigin no loidhne thugad. A thaobh rosg, an seòrsa rosg a tha mise air a sgrìobhadh, 's e sgeulachdan airson deugairean no airson clann a th' annta.

Bidh mi a' suidhe sìos 's ag obrachadh a-mach na caractaran, a' dèanamh sgeids dhiubh. 'S dòcha loidhne no dhà ag innse co ris a tha iad coltach, dè an seòrsa nàdair a th'aca is mar sin air adhart. Ach cuideachd bidh mi a' dèanamh sgeids bheag air an leabhar fhèin, loidhne no dhà ag innse dè tha gu bhith anns na caibideilean. Agus aon uair 's gu bheil sin agam air a dhèanamh, bidh mi an uair sin a' tòiseachadh air an sgrìobhadh agus uaireannan bidh am plot ag atharrachadh mar a tha mi a' sgrìobhadh. Tha an sgrìobhadh fhèin a' gabhail thairis an uair sin agus dh'fhaodadh gum biodh an leabhar no an sgeulachd ag atharrachadh mar a tha mi a' sgrìobhadh.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.