20mh linn / Maoilios Caimbeul

Am Bàrd

Maoilios Caimbeul

B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bh' ann an athair Mhaoilios agus ri linn sin, chuir e seachad òige ann an iomadh àite, nam measg An t-Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus Siorrachd Inbhir Nis.


Chaidh e dhan Chabhlach Mharsantach nuair a bha e 16 bliadhna agus thug sin dha an cothrom mòran dhùthchannan den t-saoghal fhaicinn. Bha Maoilios còrr air 26 bliadhna mus do dh'ionnsaich e sgrìobhadh ann an Gàidhlig (ged a bha e air làn chomais a bruidhinn 's a leughadh) agus bha e còrr is 30 bliadhna nuair a cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann is Colaiste Chnoc Iordain 's a chaidh e a theagaisg Gàidhlig. Bha e a' teagaisg ann an Àrd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile agus an uair sin ann an Geàrrloch.


Tha 6 leabhraichean den bhàrdachd aig Maoilios air fhoillseachadh: Eileanan (1980), Bailtean (1987), A' Càradh an Rathaid (1988), A' Gabhail Ris (1994), Saoghal Ùr (2002) agus am fear as ùire, Breac a' Mhuiltein (2007), cruinneachadh den bhàrdachd aige bho 1974 le eadar-theangachadh gu Gaeilge na h-Èireann.


A bharrachd air bàrdachd, tha Maoilios cuideachd aithnichte airson a bhith a' sgrìobhadh rosg agus nobhailean do chlann agus deugairean, nam measg Clann a' Phroifeasair (1988) agus Iain agus na Drogaichean (1993).


Tha e air iomadh duais a chosnadh airson sgrìobhadh, agus tha aithne air a chuid sgrìobhaidhean gu h-eadar-nàiseanta agus ann an Alba. Choisinn e Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2002 agus 's e Sgrìobhadair Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus a Cultair, Sabhal Mòr Ostaig, airson a' bhliadhna 2008.


Chaidh fhastadh mar Sgrìobhadair gu pròiseact a chuir Urras Shomhairle air bhonn ann am Bliadhna Chultarach na Gàidhealtachd, gus beatha Shomhairle MhicGill-Eain a chomharrachadh. Bha e ag obair cuide ri sgoilearan à Àrd-sgoil A' Phluic airson bàrdachd ùr a sgrìobhadh bhon obair a rinn iad air Dàin do Eimhir.


Leig Maoilios dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann an 2005 ach bidh e fhathast a' sgrìobhadh 's a' teagaisg. Tha e an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach.


Latha-breith:

23 Màrt 1944

Àite:

Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Àrd-sgoil Phort-rìgh

Colaiste a' Chaisteil, Leòdhas

Oilthigh Dhùn Èideann

Colaiste Cnoc Iordain, Glaschu

Teacsa

Mar a thug sgrìobhadh dhaoine eile buaidh air

A-rithist b' e bàird Bheurla tha mi a' smaoineachadh a bu mhotha a thug buaidh orm an toiseach. Nuair a bha mi nam dheugaire bhithinn a' leughadh stuth, gu h-àraidh bàrdachd romansach le Keats is Wordsworth, Shelly is na daoine sin. Cha d'fhuair mi cus eòlais air bàrdachd Ghàidhlig gus an deach mi dhan oilthigh. Agus an uair sin fhuair mi eòlas air an stuth aig Somhairle MacGill-Eain agus Ruaraidh MacThòmais. Tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gun tug an stuth aig Ruaraidh MacThòmais buaidh gu ìre air an stuth a tha mi a' sgrìobhadh. B' e stuth math a bh' ann airson eisimpleir fhaighinn air dè a dh'fhaodadh tachairt ann an sgrìobhadh anns an nòs ùir.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.