
B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bh' ann an athair Mhaoilios agus ri linn sin, chuir e seachad òige ann an iomadh àite, nam measg An t-Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus Siorrachd Inbhir Nis.
Chaidh e dhan Chabhlach Mharsantach nuair a bha e 16 bliadhna agus thug sin dha an cothrom mòran dhùthchannan den t-saoghal fhaicinn. Bha Maoilios còrr air 26 bliadhna mus do dh'ionnsaich e sgrìobhadh ann an Gàidhlig (ged a bha e air làn chomais a bruidhinn 's a leughadh) agus bha e còrr is 30 bliadhna nuair a cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann is Colaiste Chnoc Iordain 's a chaidh e a theagaisg Gàidhlig. Bha e a' teagaisg ann an Àrd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile agus an uair sin ann an Geàrrloch.
Tha 6 leabhraichean den bhàrdachd aig Maoilios air fhoillseachadh: Eileanan (1980), Bailtean (1987), A' Càradh an Rathaid (1988), A' Gabhail Ris (1994), Saoghal Ùr (2002) agus am fear as ùire, Breac a' Mhuiltein (2007), cruinneachadh den bhàrdachd aige bho 1974 le eadar-theangachadh gu Gaeilge na h-Èireann.
A bharrachd air bàrdachd, tha Maoilios cuideachd aithnichte airson a bhith a' sgrìobhadh rosg agus nobhailean do chlann agus deugairean, nam measg Clann a' Phroifeasair (1988) agus Iain agus na Drogaichean (1993).
Tha e air iomadh duais a chosnadh airson sgrìobhadh, agus tha aithne air a chuid sgrìobhaidhean gu h-eadar-nàiseanta agus ann an Alba. Choisinn e Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2002 agus 's e Sgrìobhadair Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus a Cultair, Sabhal Mòr Ostaig, airson a' bhliadhna 2008.
Chaidh fhastadh mar Sgrìobhadair gu pròiseact a chuir Urras Shomhairle air bhonn ann am Bliadhna Chultarach na Gàidhealtachd, gus beatha Shomhairle MhicGill-Eain a chomharrachadh. Bha e ag obair cuide ri sgoilearan à Àrd-sgoil A' Phluic airson bàrdachd ùr a sgrìobhadh bhon obair a rinn iad air Dàin do Eimhir.
Leig Maoilios dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann an 2005 ach bidh e fhathast a' sgrìobhadh 's a' teagaisg. Tha e an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Cuin a thòisich am bàrd a' sgrìobhadh?
Bhithinn a' sgrìobhadh rudan, co-dhiù ann am Beurla, bho bha mi dusan bliadhna a dh'aois. Tha mi cinnteach gu robh iad caran eanchainneil, co-cheangailte ris an eanchainn, agus cho luath 's a b' urrainn dhomh sgrìobhadh ann an Gàidhlig, thòisich mi a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Bha mi a' faireachdainn gu robh an stuth a bha mi a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig na b'fheàrr, gu robh e na b' fhaisge air a' chridhe mar gum biodh. Sin a thug orm tòiseachadh. B' e bàrdachd a bhithinn a' dèanamh an uair sin, nuair a thòisich mi.
Air adhart gu
CuspaireanBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.