A rèir choltais, rinn Iain Ruadh Stiùbhart, a bha na oifigeach ann an arm a' Phrionnsa Teàrlaich, na h-òrain 'Latha Chuil-Lodair', 'Òran Eile air Latha Chuil-Lodair' agus 'Ùrnaigh Iain Ruaidh' goirid às dèidh a' bhlàir. Tha sin agus an t-eòlas a tha aige an dà chuid air a' bhatal fhèin agus air an t-suidheachadh san fharsaingeachd a' toirt neart àraidh dhan bhàrdachd seo, mar gum b' eadh a' toirt dhuinn sealladh air a' chùis on taobh a-staigh.
A bharrachd air luach nan òran mar fhianais air tachartas eachdraidheil, ge-tà, 's e cuideachd bàrd sgileil a tha ann an Stiùbhart, a tha comasach air e fhèin a chur an cèill tro chainnt dhrùidhteach, rannaigheachd cheòlmhor agus ìomhaighean cruthachail.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Ag innse mu stoidhle na bàrdachd
Nuair a tha e bruidhinn mu na saighdearan dearga agus Rìgh Deòrsa 's Diùc Uilleam, tha e an còmhnaidh gan samhlachadh ri coin no cuileanan, 's le sin cha b' e cuilean snog a tha e ciallachadh ach cur, tha mi creidsinn. Tha e an còmhnaidh bruidhinn mu dheidhinn "Sìol nan cuilean gun bhàidh, Dh'am maith-chinnich an t-àl". Tha e an còmhnaidh a' bruidhinn orra mar àl agus "fìor bhalgairean Shasainn," agus tha iad "mar mhial-choin air acras". Tha e gu math tric a' cleachdadh sin, gan samhlachadh ri coin, ach cha b' e coin snog ach feadhainn a bhios ag ithe a h-uile seòrsa rud, agus a' leum air coin eile, 's gam bìdeadh.
'S tha e cuideachd, tha e cleachdadh tòrr samhlaidhean 's ìomhaighean bhon Bhìoball cuideachd. Tha e glè thric a' samhlachadh na saighdearan dearga 's rìgh Hanòbhair, Rìgh Deòrsa 's Diùc Uilleam ri clann na h-Èipheit as a' Bhìoball, clann na h-Èipheit a bha tighinn às dèidh clann Israel, nuair a chaidh iad tron mhuir, tron a' Mhuir Ruadh, agus aig an aon àm tha e samhlachadh clann nan Gàidheil ri clann Israel agus na daoine dìreach gun fhaireachdainn, dìreach salachair dhaoine tighinn às an dèidh, clann na h-Èipheit tighinn às dèidh clann Israel, tha e glè thric a' dèanamh sin, clann na h-Èipheit, sin na saighdearan dearga agus Rìgh Deòrsa agus a theaghlach, clann Israel, sin na Gàidheil agus na Seumasaich.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.