19mh linn / Iain MacIlleathain

Cuspairean

Bha Iain MacIlleathain na bhàrd ainmichte aig Tighearna Eilean Cholla agus chùm e a' dèanamh dhàn dhan teaghlach sin – gam moladh no a' toirt comhairle orra – fiù 's às dèidh dha dhol air an imrich a Chanada ann an 1819. Rinn e cuideachd dàin molaidh agus cumhaichean do dhaoine eile, òrain aotrom dhen t-seòrsa ris an canar 'bàrdachd baile', dàin spioradail agus dà dhàn iomraiteach mun t-suidheachadh aig luchd-imrich Albannach ann an Canada anns a bheil e a' cur rabhadh mun t-suidheachadh air ais gu a cho-Ghàidheil ann an Alba.


'S e mar sin bàrdachd phoblach a tha anns a' mhòr-chuid de obair Bàrd Tighearna Cholla ged a tha a staid-inntinn phearsanta air a cur an cèill ann an dòigh inntinneach, agus mhì-àbhaisteach, anns an dàn ainmeil, 'Am Bàrd an Canada'.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' beachdachadh air ìomhaighean na bàrdachd

As a' bhàrdachd molaidh bha bàrd Thighearna Chola a' cleachdadh nan t-seann ìomhaighean a tha nochdadh uair is uair as a' bhàrdachd molaidh, agus na h-ìomhaighean a chaidh mìneachadh dhuinn ann an dòigh cho snasail le Iain MacAonghais as an aiste a sgrìobh e air còd na bàrdachd, no The Panegyric Code in Scottish Gaelic Poetry, agus tha na h-ìomhaighean sin aig teis meadhan na bàrdachd a rinn e dhan Tighearna, Tighearna Chola.

Ach sin a tha inntinneach mun a' bhàrdachd, an dòigh a bha e cleachdadh diofar ìomhaighean as a' chòd a bha sin, agus an rud a tha as inntinniche mun chòd, 's e mar a tha na bàird a' cleachdadh agus cur prìomhachas air diofar feartan, agus tha mi smaointinn às dèidh dhut a' bhàrdachd molaidh a leughadh gu dlùth, tha e cuir prìomhachas air na feartan as a' chòd a tha brosnachadh nan ceann-cinnidh a bhith dìleas dhan t-sluagh.

Bha e gu math draghail mun oighre a bh' aig Tighearna Chola. A rèir gach fianais a th' againne, bha Tighearna Chola fhèin, an còigeamh Tighearna Chola, Alasdair, am fear-taic aige dìleas an dà chuid dhan chultar - bha pìobaire aige, bha bàrd aige - ach cuideachd, chan eil an t-uamhas fianais gun robh e ag àrdachadh a' mhàl ann an Cola agus as na sgìrean eile far an robh talamh aige.

Aig a cheart àm bha bàrd Thighearna Chola a' faicinn gu robh a' mhòr-chuid do thighearnan air na h-oighreachdan mun cuairt, gu robh iad a' cur an sàs poileasaidhean na bu chruaidhe, agus stèidhichte air prionnsabalan na bu mhalairtiche.. Cuideachd, thug e fa-near gu robh cuid dha na tighearnan a' tuiteam ann am fiachan air sgàth 's gun robh iad feuchainn ri dòigh-beatha a chumail a' dol nach robh iad comasach a ghiùlan leis cho beag de dh'airgead a bha 'ad comasach air togail às na coimhearsnachdan aca.

Agus nuair a bha e a-mach air an oighre, bha e toirt rabhadh, tha mi smaointinn, as a' bhàrdachd agus a' cleachdadh nan ìomhaighean bhon chòd mu cho cudromach 's a bha e a bhith bàidheil dhan t-sluagh, agus dha na daoine a bha fuireach air na h-oighreachdan, agus mar sin 's e an dòigh a bha e làimhseachadh ìomhaighean a bha gu math cumanta an rud as cudromaiche.

Far a bheil seo a' fàs nas inntinniche 's ann as a' bhàrdachd molaidh do chuspairean eile, do shagartan, do phearsachan eaglais, do mhinistearan, do shaighdearan agus do dhaoine eile. Bha e fhèin coltach ri iomadh bàrd eile, cho chleachdte ris na seann ìomhaighean. Bha aca ris na h-ìomhaighean sin a chleachdadh ann an dòigh ùr air cuspairean ùra, agus bha sin a cheart cho fìor as a' bhàrdachd spioradail aige. Bha e cleachdadh cuid dhe na seann ìomhaighean ach air adhbharan gu buileach eadar-dhealaichte, cur an cèill agus a' moladh cuspairean gu buileach eadar-dhealaichte. Agus as an t-seagh sin, tha mi smaointinn gur e bàrdachd car inntinneach leis mar a bha iad a' cleachdadh briathrachas agus ìomhaighean a bha cuimseach cumanta ach ann an suidheachadh gu buileach ùr, agus tha sin gu math inntinneach cuideachd.

Bha e cleachdadh cuideachd ìomhaighean, chan e ìomhaighean ùra, ach bhiodh e a' cleachdadh a-rithist eisimpleirean ann an cuid de bhàrdachd, rinn e pìos bàrdachd air pàipear-naidheachd. Tràth san 19mh linn, thòisich pàipearan-naidheachd agus irisean as a' Ghàidhlig, rud ùr aig an àm a bha siud, agus an àite a bhith moladh ceann-cinnidh bha e moladh paipear-naidheachd, ach bhiodh e cleachdadh cuid dhe na seann ìomhaighean gus moladh a dhèanamh air pàipear-naidheachd, agus a-rithist tha sin a' sealltainn cho sùbailte sa tha na seann ìomhaighean agus cuideachd, tha e sealltainn mar a bha na bàird a' strì ris na seann ìomhaighean ann an dòigh. Bha 'ad air an cuingealachadh leis na seann ìomhaighean, na h-ìomhaighean as a' chòd molaidh, agus air sàillibh sin, bha aca ris a' bhriathrachas, ri briathrachas agus ìomhaighean ris gun robh iad gu math cleachdte a chleachdadh ann an dòigh buileach eadar-dhealaichte.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.