19mh linn / Iain MacIlleathain

Bàrdachd - Do Thighearna Òg Chola

Dàn 3

Bha Tighearna Chola aig an àm seo a' ceannach air ais pàirtean den talamh a bha a shinnsireachd air a chall ri na Caimbeulaich: ged a tha e fhèin a-nise ann an Canada, tha am bàrd a' cur fàilte air an sin ann an grunn dhàin. Anns an dàn seo tha e a' cur a dhùrachdan gu mac an Tighearna a tha air ùr phòsadh, a' toirt comhairle dha, mar a bhàrd-cinnidh, gun e a bhith a' dèanamh ana-caitheamh air a' chuid airgid anns na bailtean mòra mar a bha cuid de na h-uachdarain òga eile a' dèanamh (rud a thàinig gu ceann anns na Fuadaichean).


'S e eisimpleir mhath a tha seo de chuideigin ga ghiùlain fhèin mar bhàrd-cinnidh fad às dèidh dhan ghnè bàrdachd sin a dhol à fasan agus, nas annasaiche buileach, ga dhèanamh o thaobh thall a' chuain!


Do Thighearna Òg Chola

  • Saoghal fada le buaidh dha
  • 'S don a' chèile sin fhuair e air làimh;
  • Gun robh 'n t-Àrd-Rìgh mar dhìon dha
  • 'S a cur chomhairlean crìonnta na cheann.
  • Tha e 'n dràst' ann an Lunnainn,
  • Is ma thèid e gun fhuireach don Fhraing,
  • Guma sàbhailt' a thuras
  • Ann an àirde 's an urram gun taing.
  • B' i mo chomhairle ghràidh dha,
  • Mas e duin' e nì tàmh am measg Ghall,
  • E bhith fuathach air dòighean
  • Cuid de dh'uachdarain òg' tha dol ann:
  • Bidh iad amaideach gòrach,
  • A' sìor chluich an cuid òir 's a' cur gheall –
  • 'S furast' storas a ghleidheadh
  • Seach a bhuannachd an deaghaidh a chall.
  • Fhir a dh'ùraich na facail s',
  • Bi cuimhneach le beachd air mo rann,
  • 'S air na daoine bha romhad,
  • A rinn feum anns gach gnothach a bh' ann;
  • Chùm iad ac' an cuid fearainn
  • 'S rinn iad fhuasgladh an carraid nan lann
  • Bhiodh an sliochd ann gu buadhach
  • Fhad 's bhios duilleach a' gluasad air crann.

Do Thighearna Òg Chola

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris Do Thighearna Òg Chola

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, Do Thighearna Òg Chola.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain MacIlleathain

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.