19mh linn / Iain MacIlleathain

Bàrdachd - Òran do dh'Ameireaga

Tha argamaid leantainneach a' ruith tron dàn seo a tha am bàrd a' cur tarsainn ann an dòigh shoilleir, làidir ach tha fhaireachdainnean pearsanta fhèin a' tighinn troimhe cuideachd, rud a tha a' neartachadh na bàrdachd gu mòr.


Às dèidh innse mu staid inntinn fhèin (airson notaichean air an seo cliog air Pearsanta), tha MacIlleathain ag innse mun chruadal a choinnich ris fhèin agus an luchd-imrich eile (cliog air Cruadal airson seo). 'S e an teachdaireachd aige – agus prìomh adhbhar an dàin - gun deach am mealladh agus gum bu chòir do Ghàidheil aig an taigh a bhith air am faiceall air sgàth sin (cliog air Mealladh).


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Òran do dh'Ameireaga

  • Gu bheil mi am ònrachd sa choille ghruamaich,
  • Mo smuaintean luaineach, cha tog mi fonn:
  • Fhuair mi an t-àit' seo an aghaidh nàdair,
  • Gun thrèig gach tàlant a bha nam cheann;
  • Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann,
  • An uair nì mi tòiseachadh bidh mi trom;
  • Chaill mi a' Ghàidhlig seach mar a b' à'ist dhomh
  • An uair a bha mi san dùthaich thall.
  • Chan fhaigh mi m' inntinn leam ann an òrdugh,
  • Ged bha mi eòlach air dèanamh rann;
  • Is e mheudaich bròn dhomh 's a lùghdaich sòlas
  • Gun duine còmhla rium a nì rium cainnt;
  • Gach là is oidhche is gach car a nì mi,
  • Gum bi mi cuimhneachadh anns gach àm
  • An tìr a dh'fhàg mi tha an taic an t-sàile,
  • Ged tha mi 'n-drast' ann am bràighe ghleann.
  • Chan iongnadh dhòmhsa ged tha mi brònach,
  • Is ann tha mo chòmhnaidh air cùl nam beann,
  • Am meadhan fàsaich air Abhainn Bhàrnaidh,
  • Gun dad as fheàrr na buntàta lom;
  • Mun dèan mi àiteach 's mun tog mi bàrr ann
  • Is a' choille ghàbhaidh chur às a bonn,
  • Le neart mo ghàirdein gum bi mi sàraichte,
  • Is treis' air fàilinn mum fàs a' chlann.
  • Is i seo an dùthaich sa bheil an cruadal
  • Gun fhios don t-sluagh a tha tighinn a-nall;
  • Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
  • A rinn le an tuaraisgeul ar toirt ann!
  • Ma nì iad buannachd, cha mhair i buan dhaibh;
  • Cha dèan i suas iad, 's chan iongnadh leam,
  • Is gach mallachd truaghain a bhios gan ruagadh
  • Bhon chaidh am fuadach a chur fon ceann.
  • Bidh gealladh làidir ga thoirt an tràth sin,
  • Bidh cliù an àite ga chur am meud;
  • Bidh iad ag ràidhtinn gu bheil bhur càirdean
  • Gu sona sàidhbhir gun dad a dh'èis;
  • Gach naidheachd mheallta ga toirt gur n-ionnsaigh-se
  • Feuch an sanntaich sibh dol nan dèidh –
  • Ma thig sibh sàbhailt', nuair chì sibh àdsan,
  • Chan fheàrr na stàtachan na sibh fèin.
  • An uair thèid na dròbhairean sin gur n-iarraidh,
  • Is ann leis na breugan a nì iad feum,
  • Gun fhacal fìrinne bhith ga innse,
  • Is an cridh' a' dìteadh na their am beul;
  • Ri cur am fiachaibh gu bheil san tìr seo
  • Gach nì as prìseile tha fon ghrèin –
  • An uair thig sibh innte, gur beag a chì sibh
  • Ach coille dhìreach toirt dhibh an speur.
  • An uair thig an geamhradh is àm na Dùbhlachd,
  • Bidh sneachd a' dlùthadh ri cùl nan geug,
  • Is gu domhainn dùmhail dol thar na glùine,
  • Is ge math an triùbhsair, cha dèan i feum
  • Gun stocainn dhùbailt sa mhocais chlùdaich
  • Bhios air a dùnadh gu dlùth le èill:
  • B' e am fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
  • Mar chaidh a rùsgadh den bhrùid an-dè.
  • An uair thig an samhradh 's am mìosa Cèitein,
  • Bidh teas na grèine gam fhàgail fann;
  • Gun cuir i spèirid sa h-uile creutair
  • A bhios fo èislean air feadh nan toll;
  • Na mathain bhèisteil, gun dèan iad èirigh
  • Dhol feadh an treud, is gur mòr an call;
  • Is a' chuileag ìneach gu socach puinnseanta
  • Gam lot gu lìonmhor le rinn a lainn.
  • Ge mòr an seanchas a bh' aca an Albainn,
  • Tha a' chùis a' dearbhadh nach robh e fìor:
  • Na dolair ghorma, chan fhaic mi falbh iad,
  • Ged bha iad ainmeil a bhith san tìr;
  • Ma nìtear bargain, chan fhaighear airgead,
  • Ged 's èiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
  • Ma gheibhear cunnradh air feadh nam bùthan,
  • Gam pàighear null e le flùr no ìm.
  • Chan fhaigh mi innse dhuibh ann am Ghàidhlig,
  • Cha dèan mo nàdar a chur air dòigh,
  • Gach fios a b' àill leam thoirt do na càirdean
  • San tìr a dh' fhàg mi, rinn m' àrach òg;
  • Gach aon e leughas e, tuigibh reusan,
  • Is na tugaibh èisteachd do luchd a' bhòst,
  • Na fàidhean brèige a bhios gur teumadh,
  • Gun aca spèis dhibh ach dèidh bhur n-òir.
  • Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh,
  • Gun gabhainn mìosa ris agus còrr
  • Mun cuirinn crìoch air na bheil air m' inntinn
  • Is mun tugainn dhuibh e le cainnt mo bheòil;
  • Tha mulad dìomhair an dèidh mo lìonadh,
  • On is èiginn strìochdadh an seo rim bheò,
  • Aig bheag thoil-inntinn sa choille chruinn seo,
  • Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.
  • Cha b' e sin m' àbhaist an tùs mo làithean,
  • Is ann bhithinn ràbhartach aig gach bòrd,
  • Gu cridheil sunndach an comann cùirteil
  • A' ruith ar n-ùine gun chùram oirnn;
  • An uair thug mi cùl ribh bha mi gur n-ionndrainn,
  • Gun shil mo shùilean gu dlùth le deòir,
  • Air moch Diardaoin a' dol seach an Caolas
  • Is an long fo h-aodach 's a' ghaoth on chòrs'.

Òran do dh'Ameireaga

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris Òran do dh'Ameireaga

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, Òran do dh'Ameireaga.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain MacIlleathain

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.