Rinn Iain Mac a' Ghobhainn diofar sheòrsaichean bàrdachd, mar eisimpleir: òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine den t-seòrsa ris an canar 'bàrdachd baile', dàin sa bheil e ag innse seann sgeulachdan 'gaisgeil' agus grunnan de dhàin fhada dhomhainn air cuspairean leithid Carthannas, Uamhar agus Dòchas, a' chuid mhòr aca a' tarraing air strì an fhearainn aig an àm.
Tha Mac a' Ghobhainn a' nochdadh na bhàrdachd inntinn bhreithneachail, comas reusanachaidh làidir agus sgilean bàrdachd nach beag, gu h-àraidh a thaobh eirmseachd cainnte.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
A' bruidhinn mu Spiorad a' Chathrannais
Nuair a choimheadas tu ri Spiorad a' Charthannais, chì thu gu bheil an dà chuspair sònraichte aige ann a' sin: staid an duine, an dòigh as a bheil e air a shuidheachadh as an t-saoghal, na buaidhean a th' air fo mhathas agus fo olc agus fo dhìth a' mhathais. Tha Spiorad a' Charthannais, 's ann dìreach mu dheidhinn sin a tha e.
Tha e tòiseachadh leis a' charthannas a phearsachadh, eil fhios agad, mar gum b' e duine ris am biodh e bruidhinn a th' ann, no neach, no spiorad, spiorad ris am b' urrainn dha bruidhinn. Bha e sealltainn dhuinn cho math 's a bha e, agus cho feumail 's a bha e dhan an duine a bhith, e bhith latha ris, agus cho feumail 's a bha e dhan an t-saoghail, 's mar a bheireadh e dòigh dhuinn air ar beatha a riaghladh, 's air coimhead ris an t-saoghal.
Agus mar a chuir a' saoghal a chùl ris a' charthannas agus a' rud a bha tighinn a-mach às an sin, bha aimhreit is gineachd is leithid sin a rud.. ainneirt a thaobh uachdarain gu sònraichte, agus gineachd a thaobh saoibhreis, rud a bha toirt air daoine miann an airgead a chuir an àite iochd ri daoine, a' cuir dhaoine air falbh às a' fearann airson gum biodh cothrom aca air ionmhas a thoirt às an fhearann. Agus, mar a tha fhios againn, bha dà luim dhen sin ann: bha chiad luim co-cheangailte ri caoraich agus nuair a dh'fhalbh an t-airgead às na caoraich, thòisich iad ri spòrs, agus 's e sin fear dha na cuspairean as làidire a th' aige, 's ann mu dheidhinn sin tha Òran Luchd an Spòrs cuideachd.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.