19mh linn / Iain Mac a' Ghobhainn

Bàrdachd - Òran an t-Seana Ghille

Dàn 3

Tha am bàrd a' toirt comhairle dhan t-seana-ghille a tha leth ma leth eadar dùrachd agus dibhearsain, ag innse a liuthad buannachd a gheibheadh e à pòsadh, an taca ri bhith a' fas aosta na aonar.


Tha an comas reusanachaidh àbhaisteach aig Mac a' Ghobhainn follaiseach an seo agus tha e a' cleachdadh cainnt eirmseach agus a' cruthachadh dhealbhan a ghlacas ar n-aire, mar eisimpleir de dhachaigh shona làn chloinne air an aon làimh agus, air an tèile, de dhroch chleachdaidhean nan seann fhleasgach ("leisg agus cadal, tombac' agus òl"). Tha e a' dèanamh feum mhath cuideachd de ìomhaighean, mar: "slabhraidh a' ghaoil" ("gur aotrom an t-eallach i") agus "mar chraoibh air a h-uilinn gun duilleach gun ròs" (mun t-seana-ghille am measg a nàbaidhean pòsta).


Òran an t-Seana Ghille

  • A fhleasgaich gun chèill, gur beag a tha dh'fhios agad,
  • A fhleasgaich gun chèill, nach tuigeadh tu chòir –
  • Mur h-aithne dhut fhèin e, innsidh mise dhut
  • Liuthad rud ceanalta dhèanadh bean òg.
  • Ged bhiodh tu brònach 'n àm tighinn dhachaigh dhut,
  • Thilgeadh bean òg dhìot eallach a' bhròin,
  • 'S ged rachadh an saoghal truimeach air h-earrach ort,
  • Gheibheadh tu cadal an achlais mnà òig.
  • Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i calanas.
  • Dh'fhuineadh i aran is bhleòghnadh i bò;
  • Dhèanadh i èibhinn 'n àm dol a chadal thu –
  • 'S iomadh rud beannaicht' bhiodh agaibh gu .
  • Chuireadh i teaghlach brèagha mun teine dhut,
  • 'S b' èibhinn an sealladh am faicinn mun bhòrd –
  • Òganaich fhìorghlan sìor dhol am fearachas,
  • Maighdeannan beadarrach, leadanach òg.
  • Ged bhiodh fear-pòsta greis air an allaban,
  • Nuair thig e dhachaigh bidh aitreabh air dòigh;
  • Ach 's ann tha mo thruas ri fàrdach an t-seana-ghille –
  • Bidh i gun teine, gun duine na còir.
  • Chùireadh i fàilt' ort, chuireadh i furan ort,
  • Dh'èisteadh tu mànran lurach a beòil;
  • Bidh fear na mna òige gu sòlasach cuideachdail,
  • Seann fhleasgach luideach na bhurraidh ri bheò.
  • Nuair a bhios càch gu mànranach suigeartach,
  • 'S ann a bhios tusa 's do dhuilgheadas mòr,
  • Measg nan crann àrda 's blàth air na h-uile fear,
  • Mar chraoibh air a h-uilinn, gun duilleach gun ròs.
  • Fhleasgaich, 's ann shaoilinn gaol dhut na amaideas:
  • Their thu, "Is daorsa bhith ceangailt ri òigh."
  • Slabhraidh a' ghaoil, gur h-aotrom an t-eallach i -
  • Freagraidh i 'n amhach nas maisich' na 'n t-òr.
  • Sguiridh tu shuirghe; 's coma leat leannanachd;
  • Leigidh tu d' phears' ann am fasan nach coir;
  • 'S cha bhi càil èibhinn tuilleadh air thalamh a'd
  • Ach leisg' agus cadal, tombac' agus òl.
  • Nuair thig ort an aois gun duine nì d' anacladh,
  • Searbhant' no sgalag chan fhaigh thu rid bheò;
  • Feumaidh tu strìochdadh 's do chùisean thoirt thairis –
  • 'S e airgead nan cailleach bhios agad fa-dheòidh.

Òran an t-Seana Ghille

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris Òran an t-Seana Ghille

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, Òran an t-Seana Ghille.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.