20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Cuspairean

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn


Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bàrdachd, rosg agus dràma ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhàrdachd Ghàidhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nàdar an duine agus obair na h-inntinn; nàdar na bàrdachd agus ceàird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-àraidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhàthair).


Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhàird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhàird a' coimhead air an àite dham buineadh iad mar àite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhàgail ach tha Mac a' Ghobhainn ag ràdh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pàipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.


Tha dibhearsain na bhàrdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhàgh'.


Tha samhlaidhean a' ruith tro bhàrdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dàin aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cànan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.


Teacsa

Comhairle do dhuine sam bith a tha airson tòiseachadh a' sgrìobhadh

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: 'S e ealain, an obair a tha mi a' dèanamh, sin an rud a tha gam chumail a' dol. Rinn mi dealbhan dhen an t-saoghal airson daoine eile a leughadh, ma tha iad airson an leughadh. Tha sin a' toirt dhòmhsa toileachas mhòr. Tha a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd agus a bhith a' sgrìobhadh rosg a' toirt toileachas dhòmhsa nach d' fhuair mi riamh à càil sam bith eile.

Martainn Dòmhnallach: A' bheil e a' toirt seòrsa de mhaireannachd dhut?

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: Bu chaomh leam gum biodh sin a' tachairt, gum biodh cuimhn' aca air an rud a sgrìobh mi. Bidh feadhainn a' sgrìobhadh thugam is bidh iad a' cantainn rium, chòrd an leabhar seo rium uabhasach math no chòrd a' bhàrdachd seo agus dhrùidh i orm. An leabhar a sgrìobh mi bho chionn bliadhnaichean mòra air ais, leabhar a bh' ann mu dheidhinn nam Fuadaichean, Consider the Lilies... Tha cuimhne agam as dèidh an leabhar sin a sgrìobhadh fhuair mi tòrr litrichean à iomadach àit'. Tha cuimhn' 'am as dèidh dhan leabhar a thighinn a-mach, bha e air an rèidio ann an 10 pàirtean agus fhuair mi litir bhon a' bhoireannach a bha seo à Suffolk. Tha mi a' smaoineachadh gur e Gàidheal no Albannach a bh'innte ach bha i a' fuireach ann an Suffolk. 'S bha i ag ràdh nuair a bha i ag èisteachd ris an rèidio nuair a bha an leabhar a' tighinn gu ceann, gu robh i a' gall, dhrùidh e oirre cho mòr. Nuair a gheibh mise litrichean bho dhaoine a bhios ag ràdh, leugh mi an sgeulachd seo no a' bhàrdachd seo agus dhrùidh i orm, agus bha e a' teagaisg dhomh beagan mun t-saoghal sa bheil sinn beò air nach do smaoinich mi ron seo... tha sin a' toirt toileachas dhomh ann an dòigh.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.