20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Bàrdachd - Tha Thu air Aigeann M' Inntinn

Dàn 2

Tha Mac a' Ghobhainn glè thric a' tarraing air feallsanachdan àraidh na bhàrdachd, agus gu sònraichte feallsanachd a' buntainn ri eòlas-inntinn. Tha an dàn seo stèidhte air beachdan Freud agus Jung mun 'fo-mhothachadh' - no an 'sub-conscious' - 's e sin rudan a tha air a dhol às ar cuimhne ach a tha air an gleidheadh fhathast am badeigin nar n-inntinn ged nach eil sinn mothachail orra. Chan eil smachd againn air na rudan seo: faodaidh iad tighinn gu ar cuimhne gun iarraidh no faodaidh iad fuireach falaichte nuair a tha sinn a' feuchainn ri cuimhneachadh orra.


Anns an dàn seo tha am bàrd a' bruidhinn air cuideigin air an robh e glè eòlach aig aon àm, a rèir choltais. Bha e air dìochuimhneachadh mu deidhinn ach tha e ag ràdh, a dh'aindeoin sin, gu bheil i fhathast an àiteigin na inntinn, 'gun fhios dha'.


Is e 'an t-aigeann' doimhneachd na mara. Tha am boireannach air a dhol fodha dhan doimhneachd air grunnd inntinn, fon uachdar far a bheil na rudan air a bheil cuimhne aige. Tha e ga coltachadh ri dàibhear, le clogaid agus deise-dàibhidh. Tha e doirbh coltas dàibheir a dhèanamh a-mach tron deise-dàibhidh is an sgriona glainne agus tron uisge. Anns an aon dòigh, chan eil dealbh cheart aig a' bhàrd air 'fiamh' (coltas) na tè a bha seo no a 'dòigh' (a nàdar).


Tha e a' tionndadh an uair sin chun adhbhair airson an t-suidheachaidh seo. Tha còig bliadhna air a dhol seachad o bha iad an cuideachd a chèile. Tha e a' coltachadh na h-ùine sin, agus na rudan a thachair san ùine sin, ri uisge a' dòrtadh. Tha Mac a' Ghobhainn tric a' cleachdadh uisge mar shamhla air rudan a' gluasad agus ag atharrachadh. Tha an t-uisge a' cruthachadh na doimhneachd a tha a' tighinn eatarra agus a tha ga falach air.


Tha e a' feuchainn ri a slaodadh gu uachdar na mara, no uachdar na cuimhne. Tha e a' feuchainn ri cuimhneachadh ceart co ris a bha i coltach - ach tha na làmhan aige 'fann' agus tha an t-uisge a tha eatarra uimhir ri na 'beanntan'. Cha tèid aige a-chaoidh air a toirt air ais chun uachdair.


Tha Mac a' Ghobhainn a' toirt dealbh air an 'fho-mhothachadh' mar àite draoidheil, mì-nàdarrach. Mar eisimpleir, tha na lusan 'dìomhair', chan eil ann ach 'leth-sholas' agus tha e 'uaine' agus 'gun ghràdh'. Tha ise mar gum biodh i ann an trom-laighe no bruaillean, tha 'suain' cadail oirre ach feumaidh i bhith gluasad 'gun stad'. Tha am facal 'tathaich' a' cur ris an fhaireachdainn aognaidh seo. Tha e a' ciallachadh fuireach ann an àite an seo ach tha e cuideachd air a chleachdadh airson manadh no taibhs, 's dòcha an dàibhear le a dhà shùil mhòr? Tha am fo-mhothachadh na shaoghal mì-nàdarrach, bagairteach.


Ann an dòigh, dh'fhaodar a ràdh gur e òran gaoil a tha seo, ach òran gaoil annasach!


Tha Thu air Aigeann M' Inntinn

  • Gun fhios dhomh tha thu air aigeann m' inntinn
  • mar fhear-tadhail grunnd na mara
  • le chlogaid 's a dhà shùil mhòir
  • 's chan aithne dhomh ceart d' fhiamh no do dhòigh
  • an dèidh còig bliadhna shiantan
  • tìme dòrtadh eadar mise 's tu:
  • beanntan bùirn gun ainm a' dòrtadh
  • eadar mise gad shlaodadh air bòrd
  • 's d' fhiamh 's do dhòighean nam làmhan fann.
  • Chaidh thu air chall
  • am measg lusan dìomhair a' ghrunna
  • anns an leth-sholas uaine gun ghràdh,
  • 's chan èirich thu chaoidh air bhàrr cuain
  • a chaoidh 's mo làmhan a' slaodadh gun sgur
  • 's chan aithne dhomh do shlighe idir,
  • thus' ann an leth-sholas do shuain
  • a' tathaich aigeann na mara gun tàmh
  • 's mise slaodadh 's a' slaodadh air uachdar cuain.

Tha Thu air Aigeann M' Inntinn

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Tha thu air Aigeann M' Inntinn

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn ag aithris an dàn, Tha thu air Aigeann M' Inntinn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.