20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Am Bàrd

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Chaochail athair nuair a bha Iain na bhalach beag agus ghluais an teaghlach air ais a Phabail Uarach an Eilean Leòdhais, àite a thug buaidh mhòr air a sgrìobhadh thar nam bliadhnaichean.


An dèidh dha Oilthigh Obar Dheathain fhàgail, thug e a-mach ceum ann an teagasg agus chuir e làithean obrach seachad a' teagaisg ann an Àrd Sgoiltean ann am Bruach Chluaich, Dùn Breatainn agus anns an Òban. Leig e dheth a dhreuch ann an 1977 nuair a thionndaidh e gu bhith a' sgrìobhadh làn-ùine agus rinn e fhèin 's a bhean Donalda an dachaigh ann an Taigh an Uillt.


Tha Iain ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bàrdachd Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bùrn is Aran (1960), Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cànan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.


Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dàin aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhàird gu aire mòran dhaoine.


Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais Bàrdachd a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.


Chaochail Iain ann an Taigh an Uillt air an 15mh den Dàmhair 1998.


Latha-breith:

1 Faoilleach 1928

Àite:

Glaschu

Foghlam:

Sgoil Phabail, an Rubha

Àrd-sgoil MhicNeacail

Oilthigh Obar Dheathain

Colaiste Chnoc Iordain, Glaschu

Teacsa

Iain C Mac a' Ghobhainn a' taghadh aon de na dàin as fheàrr leis fhèin

Cha b'urrainn dhòmh am prògram a tha seo a chur ri chèile gun smuain a thoirt air Donnchadh Bàn, am bàrd dòchasach, toil-inntinneach. Tha ceòl a chuid bàrdachd aotrom, grianach agus tha e mionaideach air fheadh. Seo am pìos a thagh mi à Moladh Beinn Dòbhrain.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.