
Chaochail athair nuair a bha Iain na bhalach beag agus ghluais an teaghlach air ais a Phabail Uarach an Eilean Leòdhais, àite a thug buaidh mhòr air a sgrìobhadh thar nam bliadhnaichean.
An dèidh dha Oilthigh Obar Dheathain fhàgail, thug e a-mach ceum ann an teagasg agus chuir e làithean obrach seachad a' teagaisg ann an Àrd Sgoiltean ann am Bruach Chluaich, Dùn Breatainn agus anns an Òban. Leig e dheth a dhreuch ann an 1977 nuair a thionndaidh e gu bhith a' sgrìobhadh làn-ùine agus rinn e fhèin 's a bhean Donalda an dachaigh ann an Taigh an Uillt.
Tha Iain ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bàrdachd Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bùrn is Aran (1960), Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cànan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.
Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dàin aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhàird gu aire mòran dhaoine.
Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais Bàrdachd a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.
Chaochail Iain ann an Taigh an Uillt air an 15mh den Dàmhair 1998.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Mar a tha a bheatha agus bàrdachd a' tighinn ri chèile
'S e an aon rud eile air am bithinn a' sgrìobhadh mu dheidhinn glè thric, mu dheidhinn Iòsaph agus a bhràithrean - mar a chaidh Iòsaph sìos dhan Èipheit agus a thàinig a bhràithrean sìos ga fhaicinn bliadhnaichean mòra as dèidh sin. Bha mi a' smaoineachadh gu robh an sgeulachd sin anns a' Bhìoball glè choltach ri ar suidheachadh fhìn, can suidheachadh ùghdair no cuideigin tha a' fàgail nan eilean agus a'dol dhan bhaile mhòr. Tha e a'dol sìos dhan bhaile mhòr agus tha e a' dèanamh ainm dha fhèin, is tha e ag ionnsachadh cànan ùr anns a' bhaile mhòr mar a dh'ionnsaich Iòsaph san Èipheit, is tha a bhràithrean a' tighinn sìos agus ann an dòigh tha e gan cuideachadh.
A' chuid as motha dhen a bhàrdachd agamsa, tha gu leòr dhith mu mo dheidhinn fhìn is na rudan a thachair dhomh fhìn agus anns an dòigh sin, 's mathaid gu bheil rudan agam ri ràdh.
Air adhart gu
CuspaireanBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.