
Chaochail athair nuair a bha Iain na bhalach beag agus ghluais an teaghlach air ais a Phabail Uarach an Eilean Leòdhais, àite a thug buaidh mhòr air a sgrìobhadh thar nam bliadhnaichean.
An dèidh dha Oilthigh Obar Dheathain fhàgail, thug e a-mach ceum ann an teagasg agus chuir e làithean obrach seachad a' teagaisg ann an Àrd Sgoiltean ann am Bruach Chluaich, Dùn Breatainn agus anns an Òban. Leig e dheth a dhreuch ann an 1977 nuair a thionndaidh e gu bhith a' sgrìobhadh làn-ùine agus rinn e fhèin 's a bhean Donalda an dachaigh ann an Taigh an Uillt.
Tha Iain ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bàrdachd Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bùrn is Aran (1960), Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cànan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.
Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dàin aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhàird gu aire mòran dhaoine.
Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais Bàrdachd a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.
Chaochail Iain ann an Taigh an Uillt air an 15mh den Dàmhair 1998.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Mar a thàinig e gu bhith a' sgrìobhadh làn ùine
Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: Bha mi a' teagaisg ach chan eil mi a' smaoineachadh gur e fear-teagaisg nàdarrach a bh' annam a-riamh. Bha mi glè mhath leis an fheadhainn a bha acadaimigeach, na sgoilearan a bha a' dol dha na h-oilthighean 's mar sin. Chan eil mi a' smaoineachadh gu robh mi cho math leis an fheadhainn eile.
Bha mi a-riamh airson a bhith nam sgrìobhadair ach cha robh airgead gu leòr agam son fàgail, 's cha robh mi cinnteach an dèanainn airgead gu leòr nam sgrìobhadair. Bha mi a' sàbhaladh nuair a bha mi nam thidsear, bha mi airson faighinn a-mach s an teagasg airson bliadhnaichean mòra ron sin.
Mu dheireadh, b' e thug às mi, bha an dà obair ro chruaidh. Teagasg fhèin, 's e obair chruaidh a th' ann agus 's e obair chruaidh a th' ann a bhith a' sgrìobhadh. Bha na dhà an ceann a cheile agus bha mi ag obair san sgoil bho naoi gu ceithir agus bhithinn an uair sin ag obair air an oidhche, air obair sgoile...
Martainn Dòmhnallach: Tha mòran dhaoine chanadh nach e obair a th' ann an sgrìobhadh.
ICM: 'S e obair dhuilich a th' ann an sgrìobhadh. Mar a thuirt Yates uaireigin, tha e nas fhasa a bhith ag obair air na rathaidean no bhith ag obair a' sgrìobhadh. 'S e obair chruaidh a th' ann a bhith ag obair a' sgrìobhadh. Co-dhiù, cha b'urrainn dhomh an dà dhreuchd a chumail a' dol. 'S mathaid gum b'urrainn dhomh dhèanamh nuair a bha mi 30, ach bha mi an uair ud timcheall air 49. Cha b'urrainn dhomh na dhà a chumail a' dol.
Air adhart gu
CuspaireanBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.