
Chaochail athair nuair a bha Iain na bhalach beag agus ghluais an teaghlach air ais a Phabail Uarach an Eilean Leòdhais, àite a thug buaidh mhòr air a sgrìobhadh thar nam bliadhnaichean.
An dèidh dha Oilthigh Obar Dheathain fhàgail, thug e a-mach ceum ann an teagasg agus chuir e làithean obrach seachad a' teagaisg ann an Àrd Sgoiltean ann am Bruach Chluaich, Dùn Breatainn agus anns an Òban. Leig e dheth a dhreuch ann an 1977 nuair a thionndaidh e gu bhith a' sgrìobhadh làn-ùine agus rinn e fhèin 's a bhean Donalda an dachaigh ann an Taigh an Uillt.
Tha Iain ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bàrdachd Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bùrn is Aran (1960), Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cànan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.
Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dàin aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhàird gu aire mòran dhaoine.
Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais Bàrdachd a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.
Chaochail Iain ann an Taigh an Uillt air an 15mh den Dàmhair 1998.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Dè rinn e as dèidh an sgoil fhagail?
Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: An aon rud a bha fhios 'am, 's e gu robh mi airson litreachas a leughadh. Bha mi a' dol a dhèanamh Beurla agus Celtic agus ghabh mi dà bhliadhna de Celtic, ach mu dheireadh dh'fhàg mi e as dèidh an dàrna bliadhna oir cha robh mi a' faighinn gu leòr litreachais. Bha cus ann mu dheidhinn cànan, sin bu choireach gun dh'fhàg mi e 's bha mi a' fàs beagan sgìth dheth. Ach rinn mi dà bhliadhna Celtic agus rinn mi an uair sin ceithir bliadhna de Bheurla agus aig a' cheann thall, b' e Beurla a thug mi a-mach.
Martainn Dòmhnallach: Cha robh guth agad an uair sin gur e maighstir-sgoile a bha gu bhith annad?
Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: Cha robh càil a dh'fhios 'am. Mar a thachair e, nuair a bha mi deiseil de na ceithir bliadhna cha robh càil a dh'fhios agam dè dhèanainn leis an litreachas a bha seo. Chan eil mi a' smaoineachadh gur e tidsear a bh' annam-sa gu nàdarrach. Ach mar a bhios iad ag ràdh mu dheidhinn tidsearan, cha robh fhios 'am dè eile a b' urrainn dhomh a dhèanamh.
MD: An robh thu a' sgrìobhadh aig an àm seo?
ICM: Bha mi a' sgrìobhadh fad na tide. Bha mi a' sgrìobhadh ann an Leòdhas, anns an Nicolson, agus bha mi a' sgrìobhadh nuair a bha mi ann an Obar-Dheathain cuideachd. Bha mi a' sgrìobhadh ann am magazine a bh' aca ann an Obar Dheathain, Alma Mater an t-ainm a bh' air a' mhagazine agus bhithinn a' sgrìobhadh bàrdachd dhaibhsan. Bhiodh Derick MacThòmhais a' toirt a-mach magazine aig an àm ud, Scottish Nationalist magazine agus 's e an t-ainm a bh' air Alba Mater agus bhiodh sinn a' feuchainn ri reic Alba Mater. Nan cuireadh sinn ur bilean ann an dòigh sònraichte, bhiodh iad a' smaoineachadh gur e Alma Mater a bh' ann agus reic sinn mòran air an dòigh sin!
Ach bhithinn a' sgrìobhadh fad na tìde, bhithinn a' sgrìobhadh fad na tìde. Tha mi a' smaoineachadh bho bha mi a h-aon bliadhna deug gu robh mi a' sgrìobhadh rudeigin a h-uile latha.
Air adhart gu
CuspaireanBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.