'S e a' phrìomh amas a tha aig Dùghall Bochanan na bhàrdachd daoine a thoirt gu eòlas pearsanta air Dia le bhith a' cur teagasg an t-Soisgeil fan comhair. Ged is e searmonachadh a tha fa-near dha sa chiad dol-a-mach, tha cuideachd sgilean cànain agus rannaigheachd aige agus mac-meanmna beòthail a tha ga shònrachadh mar bhàrd ann an seagh nas fharsainge. Mar eisimpleir, tha bàrdachd nàdair nach eil mòran dhe a leithid sa Ghàidhlig ri fhaighinn ann an 'Òran a' Gheamhraidh', ged nach e sin prìomh chuspair an dàin.
Bha buaidh mhòr aig laoidhean Beurla air Bochanan, gu ìre gu bheil e glè thric a' togail na brìgh asta gun mòran sam bith atharrachadh air an susbaint, ach tha e an còmhnaidh a' cur a dhreach fhèin orra.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
B' ann a' teagaisg tro bhàrdachd a bha Bochanan
Tha mi creidsinn gur e dìreach, 's e a bha fa-near dha, fhios agad, 's e soisgeulaich a bh' ann agus maighstir-sgoile, bha e a' dèanamh an dà chuid. Bha e air a chuir air leth leis a' chlèir gu bhith na cheistear agus na shearmonaiche. Agus saoilidh mi na bhàrdachd gur e sin a tha e a' dèanamh, a' searmonachadh 's a' teagaisg, a' toirt teagaisg a' Bhìobaill do dhaoine ann am bàrdachd, daoine 's dòcha nach leughadh am Bìoball, ach nuair a chluinneadh iad pìos bàrdachd, nuair a bhiodh bàrdachd aca air an cuimhne, bha sin na dhòigh-teagaisg.
Ach 's e mar gum biodh an cuspair a bh' aige gu h-àraidh, a bhith 'g innse do dhaoine cho diomain 's cho caochlaideach sa tha ar beatha agus a bhith dèanamh ullachaidh airson na beatha ri teachd. Tha mi creidsinn gu bheil sin aige ann an Latha a' Bhreitheanais 's An Geamhradh, 's bàrdachd eile, An Claigeann, gur e a bhith toirt rogha do dhaoine a bhith cuir nam faireachadh a thaobh rudan spioradail agus cor an anam.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.