18mh linn / Dùghall Bochanan

Cuspairean

'S e a' phrìomh amas a tha aig Dùghall Bochanan na bhàrdachd daoine a thoirt gu eòlas pearsanta air Dia le bhith a' cur teagasg an t-Soisgeil fan comhair. Ged is e searmonachadh a tha fa-near dha sa chiad dol-a-mach, tha cuideachd sgilean cànain agus rannaigheachd aige agus mac-meanmna beòthail a tha ga shònrachadh mar bhàrd ann an seagh nas fharsainge. Mar eisimpleir, tha bàrdachd nàdair nach eil mòran dhe a leithid sa Ghàidhlig ri fhaighinn ann an 'Òran a' Gheamhraidh', ged nach e sin prìomh chuspair an dàin.


Bha buaidh mhòr aig laoidhean Beurla air Bochanan, gu ìre gu bheil e glè thric a' togail na brìgh asta gun mòran sam bith atharrachadh air an susbaint, ach tha e an còmhnaidh a' cur a dhreach fhèin orra.


Teacsa

B' e duine le ceangal làidir ri Crìosd a bh' ann

'S e duine soisgeulach a bh' ann a' Dùghall Bochanan, 's mar sin, bha e creidsinn gur e am prìomh nì an dàimh phearsanta a bh' aig duine ri Dia. Chaidh e fhèin iompachadh agus bha e creidsinn gu robh feum aig a h-uile duine air a bhith air an dùsgadh às ùr, agus tha sin a' tighinn a-mach, saoilidh mi, as a' bhàrdachd aige.

Agus aig tèis meadhan a sheanchais, teis meadhan na bàrdachd, tha e airson daoine a threòrachadh gu Crìosd. Tha pìos bàrdachd aige air Mòrachd Dhè agus saoilidh mi gur e sin a tha e feuchainn ri dhèanamh na bhàrdachd, gum biodh am prìomh àite aig Dia 's nach ann aig Dùghall Bochanan as a' bhàrdachd.

Ach 's e, tha mi smaoineachadh, an dàimh phearsanta a bh' aig daoine ri Dia, gur e seo prìomh rud air an robh e, 's bha e airson gum biodh an ceangal aig daoine eile ri Dia a bh' aige-san, mar nì a bha glè dhlùth agus glè phearsanta.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.