'S e a' phrìomh amas a tha aig Dùghall Bochanan na bhàrdachd daoine a thoirt gu eòlas pearsanta air Dia le bhith a' cur teagasg an t-Soisgeil fan comhair. Ged is e searmonachadh a tha fa-near dha sa chiad dol-a-mach, tha cuideachd sgilean cànain agus rannaigheachd aige agus mac-meanmna beòthail a tha ga shònrachadh mar bhàrd ann an seagh nas fharsainge. Mar eisimpleir, tha bàrdachd nàdair nach eil mòran dhe a leithid sa Ghàidhlig ri fhaighinn ann an 'Òran a' Gheamhraidh', ged nach e sin prìomh chuspair an dàin.
Bha buaidh mhòr aig laoidhean Beurla air Bochanan, gu ìre gu bheil e glè thric a' togail na brìgh asta gun mòran sam bith atharrachadh air an susbaint, ach tha e an còmhnaidh a' cur a dhreach fhèin orra.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Sgrìobh Bochanan diofar dhàin
Tha mi creidsinn, can, dàn mar a tha Latha a' Bhreitheanais, bhiodh daoine as an latha an-diugh a' smaoineachadh gu bheil i, gu bheil an laoidh sin car fada, agus 's dòcha gu bheil ìomhaighean ann nach eil a' freagairt air dòigh-smaoineachaidh mòran dhaoine as a' latha a th' ann, rudan cho dorcha, 's dòcha uamhasach, as a' bhàrdachd.
Ach feadhainn eile a tha rudeigin na giorra, can, An Claigeann, 's An Gaisgeach, An Geamhradh. Tha 'd a' bruidhinn air rudan a bhuineas dhan a' latha an-diugh, fhios agad, nuair a thog e 'n claigeann bha e cur na ceist air fhèin, saoil cò a bha seo? Agus ann an aonan dha na rainn tha e ag ràdh, saoil an e uachdaran a bha seo - duine a bha a' cur sìos air an tuath, air na daoine a bha na b' ìsle na e-fhèin, ag àrdachadh a' mhàill 's a' dèanamh làmhachas làidir orra.
Agus ged nach robh na fuadaichean air tòiseachadh ri latha Bhochanan, tha mi creidsinn gum biodh e bruidhinn 's dòcha air ana-ceartas as an linn againn fhèin. 'S dòcha nach ann as an dùthaich againn, ach gum biodh e bruidhinn air mì-cheartas ann an dùthchannan eile air feadh an t-saoghail.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.