18mh linn / Dùghall Bochanan

Bàrdachd - An Gaisgeach

Dàn 3

Tha Bochanan a' meòmhrachadh san dàn seo air nàdar gaisgeachd. Chan eil e a' toirt an urram sin do sheanalairean no luchd-riaghlaidh ainmeil oir, na bheachd-san, ged a bha làmh-an-uachdair aca air càch, cha robh an còmhnaidh smachd aca orra fhèin no air na buairidhean agus uallaichean a tha a' cuartachadh mac-an-duine. 'S e am fìor ghaisgeach an neach a bheir ionnsaigh air na rudan sin agus a nì a' chùis orra, a rèir Bhochanain.


Tha am bàrd a' cleachdadh diofar dhòighean airson a theachdaireachd a thoirt beò agus a chur tarsainn ann an dòigh a ghlacas ar n-aire, leithid: seanfhacail ("'S lèir dha 'n dubhan crom tron bhiadh"), dealbhan beòthail ("Is ge do sgaoil an strìopach lìon gu ghlac' le innleachdaibh a mais', cha drùidh air dealanach a sùil 's cha leagh i rùn le miannaibh laist") agus ìomhaighean. Tha cuid de na h-ìomhaighean sin air an togail às a' Bhìoball – mar eisimpleir, "armachd Dhè" o litrichean Phòil – ach tha cuid eile a' tighinn à saoghal na saighdearachd - mar eisimpleir, gu bheil smuaintean diadhaidh mar loidhne-dìon shaighdearan mun cuairt air an duine cheart, am fìor ghaisgeach, agus gu bheil e fhèin na "Chaiptean seòlta" orra.


An Gaisgeach

  • Cha bu ghaisgeach Alasdair Mòr
  • No Ceusar thug an Ròimh gu gèill;
  • Oir ged a thug iad buaidh air càch,
  • Dh'fhan iad nan tràill' dam miannaibh fèin.
  • Ach 's gaisgeach esan a bheir buaidh
  • Air eagal beatha 's uamhann bais,
  • 'S a chòmh'laicheas le misnich crìdh'
  • A h-uile nì atà dha 'n dàn.
  • San oidhch' nuair laigheas e chum suain,
  • Bidh shubhailcean mun cuairt da fèin,
  • Mar shaighdearan mu thimcheall rìgh,
  • Ga dhìdean o gach nàmhaid treun.
  • Sa mhadainn nuair a dh'èireas suas,
  • Cruinnichidh smuaintean às gach àit',
  • 'S e fèin nan ceann mar chaiptean seòlt',
  • Gan suidheachadh an òrdugh blàir.
  • Tha inntinn daingeann mar a' chreag,
  • Cha charaich eagal e no fiamh;
  • Tha shùilean furachair is geur;
  • Is lèir dha 'n dubhan crom tron bhiadh.
  • Gu dìomhain nochdaidh 'n saogh'l a ghlòir,
  • Gach òr is inbhe atà ann;
  • Ta saidhbhreas aig' cho pailt na chrìdh'
  • 'S gur truagh leis rìgh is crùn mu cheann.
  • Is ge do sgaoil an strìopach lìon,
  • Gu ghlac' le innleachdaibh a mais',
  • Cha drùidh air dealanach a sùl,
  • 'S cha leagh i rùn le miannaibh laist'.
  • A nàmh cha choisinn air gu bràth,
  • Ged gheibh e sàrachadh ri h-uair;
  • 'S e neart 's a shlàinte cridhe brùit',
  • Is air a ghlùinibh bheir e buaidh.
  • 'S i 'n fhìrinn ghlan as clogad da,
  • Is gràs a chreideimh aig' mar sgiath;
  • 'S e 'n Sgriobtar naomh a chlaidheamh geur,
  • 'S a mhisneach ta gu lèir an Dia.
  • O m' anam, dùisg is deasaich t' airm,
  • 'S gabh farmad ris a' ghaisgeach threun,
  • Is t' ana mianna cuir fo chìs,
  • Chum rìogh'chd a cheannsach' annad fèin.
  • Biodh t' inntinn àrd os cionn nan speur –
  • Chan eil fon ghrèin ach pòrsan truagh;
  • Mar tholman ùire faic an saogh'l,
  • Is daoin' mar sheangain air mun cuairt:
  • A null 's a nall gun fhois gun tàmh,
  • A' cruinneach' às gach àit' dan cist',
  • Gu lìonmhor marcachd thar a chèil'
  • 'S a' trod gu geur mu bhioran brist'.
  • Nuair chì thu 'n sealladh seo den t sluagh,
  • Do smuainte cruinnich riut gu lèir,
  • A shealbhach' saidhbhreis, sonais 's sìth
  • Air nach tig crìoch ad anam fèin.

An Gaisgeach

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris An Gaisgeach

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, An Gaisgeach.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dùghall Bochanan

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.