18mh linn / Dùghall Bochanan

Bàrdachd - An Claigeann

Dàn 2

Tha an dàn seo a' tòiseachadh leis a' bhàrd a' coimhead air claigeann ann an cladh agus a' beachdachadh air cò a bha ann: boireannach brèagha no britheamh, drungair no diadhair? Agus co ris a bha e no i coltach: mar eisimpleir, mas e uachdaran a bha ann, an robh e "iochdmhor ri bochd" no na fhear a bha "a' feannadh an tuath"? No an e Crìosdaidh dileas a bha ann? 'S e co-dhùnadh a' bhàird gun tig an aon chrìoch oirnn uile, ge be cò sinn, agus gum bu chòir dhuinn mar sin "aithreachas tràth" a dhèanamh.


Tha Bochanan a' cleachdadh diofar dhòighean air an teachdaireachd seo a thoirt beò dhuinn agus air ar n-aire a chumail. Dràma aig an toiseach, mar eisimpleir, nuair a tha e a' sgrùdadh a' chlaiginn na làimh agus, cleas Hamlet, a' faighneachd do "fhear-cladhach na h-uaigh" saoil cò a bha ann. Tha e dèanamh feum de ìomhaighean agus tha e math air dealbhan beòthail a chruthachadh ann am beagan fhaclan, leithid a' chunntas seo air dol-a-mach a' bhoireannaich bhrèagha: "le d' mhaise mar lìon a' ribeadh mu chrìdh' gach òganaich chì'dh thu fèin".


An Claigeann

  • 'S mi 'm shuidh' aig an uaigh,
  • Ag amharc mu bruaich,
  • Feuch claigeann gun snuadh air làr;
  • Do thog mi e suas,
  • A' tiomach' gu truagh,
  • Ga thionndadh mun cuairt am làimh.
  • Gun ruthadh na ghruaidh,
  • 'S e rùisgte gun ghruaig,
  • Gun èisteachd na chluais dom dhàn;
  • Gun anail na shròin
  • No àile den fhòid,
  • Ach lag far 'm bu chòir bhith àrd.
  • Gun deàlradh na shùil
  • No rosg uimpe 'dùn'
  • No fradharc ri h-iùil mar b' àbh'st,
  • Ach durragan crom
  • A chleachd bhith san tom
  • Air cladhach dà tholl nan àit'.
  • Tha 'n eanchainn bha 'd chùl
  • Air tionndadh gu smùr,
  • Gun tionnsgal no sùrd air d' fheum;
  • Gun smuainteach' ad dhàil
  • Mu philleadh gu bràth
  • A cheartach' na dh'fhag thu 'd dhèidh.
  • Fhir chladhach na h-uaigh',
  • Nach cagair thu 'm chluais
  • Cò 'n claigeann seo fhuair mi 'm làimh,
  • 'S gun cuirinn ris ceist
  • Mu ghnàths mun do theast,
  • Ged nach freagair e 'm-feast mo dhàn.
  • Tha nise gach àgh
  • Bha cosnadh dhut gràidh
  • Air tionndadh gu gràin gach neach –
  • Marbhphaisg air an uaigh,
  • A chreach thu den bhuaidh
  • Bha ceangailt' ri snuadh do dhreach.
  • No 'n do reic thu a' chòir
  • Air ghlacaid den òr
  • On dream dan robh stòras pailt,
  • Is bochdainn an t-sluaigh,
  • Fo fhoirneart ro chruaidh,
  • A' fulang le cruas na h-airc?
  • No 'mmorair ro mhòr
  • A thachair am dhòrn,
  • Neach aig an robh còir air tìr,
  • Bha iochdmhor ri bochd,
  • A' cluthadh nan nochd
  • Rèir pailteas a thoic 's a ?
  • Gun chridh' aig na daoin'
  • Bh' air lomadh le h-aois,
  • Len claigeannan maola truagh,
  • Bhith seasamh ad chòir
  • Gun bhonaid nan dòrn,
  • Ged tholladh gaoth reòtht' an cluas.
  • No 'n ceann thu 'n robh ciall
  • Is eòlas air Dia,
  • 'S gun d' rinn thu a riar sa chòir,
  • Ged tha thu 'n diugh ruisgt',
  • Gun aithne, gun iùl,
  • Gun teanga, gun sùil, gun sròn?
  • Oir deasaichidh Dia
  • Do mhaise mar ghrian
  • Bhiodh ag èirigh o sgiath nam beann,
  • Cur fradharc ro gheur
  • Sna suilean seo fèin,
  • 'S iad a' deàlradh mar reul ad cheann.
  • Do theanga 's do chàil
  • Nì ghleusadh gun dàil,
  • A chantainn na àros cliù;
  • Is fosglaidh do chluas
  • A dh'èisteachd ri fuaim
  • A' mholàidh th' aig sluagh a chùirt.
  • Nuair dheàlraicheas Crìosd
  • Na thigheachd a-rìs
  • A chruinneach' nam fìrean suas,
  • 'N sin bheir thu do leum
  • Thoirt coinneamh dha fèin
  • Mar iolair nan speur aig luaths.
  • Nuair dh'èireas tu 'n-àird,
  • Grad chuìridh ort fàilt'
  • A mhealtainn a chàirdeis fèin,
  • Gun dealach' gu bràth
  • Ra chomann no ghràdh
  • A steach ann am Pàrras Dè.
  • Fhir chluinneas mo dhàn,
  • Dèan aithreachas tràth
  • 'M feadh mhaireas do shlàint' 's do bheachd,
  • Mun tig ort am bàs,
  • Nach leig thu gu bràth
  • Air geata nan gràs a steach.

An Claigeann

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris An Claigeann

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, An Claigeann.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dùghall Bochanan

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.