18mh linn / Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Cuspairean

'S ann airson a bhàrdachd nàdair as ainmeile a tha Donnchadh Ban Mac an t-Saoir, ged a rinn e iomadh seòrsa bàrdachd eile cuideachd, nam measg òrain-gaoil, dàin molaidh do dh'uaislean agus rabhdan dibhearsaineach.


Tha a' bhàrdachd nàdair aig Donnchadh Bàn a' gabhail a-steach: òran mun t-samhradh (a' leantainn eisimpleir Mhic Mhaighstir Alasdair), dàin mu Choire Cheathaich agus mu Ghleann Urchaidh, 'Cead Deireannach nam Beann' a rinn e na sheann aois agus an dàn mòr aige, 'Moladh Beinn Dòbhrain'.


Tha bàrdachd nàdair Dhonnchaidh Bhàin comharraichte airson a' chunntais mhionaidich a tha e a' toirt air na glinn agus an fhiadh-bheatha a tha annta agus airson na cainnt bheairtich agus an rannaigheachd cheòlmhor sa bheil e a' cur sin an cèill.


Chan eil e na chleachdadh aig Donnchadh Bàn a bhith a' cur fhaireachdainnean an cèill ann an dòigh follaiseach na bhàrdachd ach tha am meas a tha aige air na fèidh agus an t-sealg, agus an t-urram a tha e a' toirt dhaibh, a' tighinn troimhe a dh'aindeoin sin agus 's e sin a tha toirt tomhas mòr dhe a neart dhan bhàrdachd aige.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' beachdachadh air faireachdainn na òrain

'S e sealg le moscaidean, gunnaichean, a bh' ann ri linn Dhonnchaidh. A' dol air ais gu Òran na Comhachaig, dà cheud bliadhna ron sin, 's e boghachan saighead a bh' aca. Chan fhaigh thu, cha chreids mi, anns na h-òrain aig Donnchadh Ban, chan fhaigh thu a bheag – tha beagan ann ceart gu leòr – dhen a' seòrsa ìomhaigh far a bheil am fiadh air a dhèanamh na, cha mhòr na chreutair dhen a' chinne-daonna.. Tha e ga mholadh, am beathach uasal a tha seo, ach can an-dràsta, tha Dòmhnall MacFhionnlaigh a' bruidhinn mun an dàmh, agus 's e coin mhòra, mìal-choin mhòra a bha gan iomain tro na h-àiteachan cumhang 's bhathar an uair sin gan leagail le saighead. Ach tha Dòmhnall MacFhionnlaigh ag ràdh mun dàmh:

"Gur gasta ruitheadh tu suas Ri leacainn chruaidh 's i cas; Moladh gach aon neach an cù - Molaim-s' an trù tha dol às."

Eil fhios agad, bha e cho toilichte mar gum biodh, ged is e sealgair mòr a bh' ann e fhèin agus ainmeil air a' bhogha saighead, bha e mar gum biodh na bu toilichte nuair a bha an cofhurtachd a bha seo, bhathas a' dol a mharbhadh, faighinn ma sgaoil. Nise chan fhaigh thu dad dhen sin ann an Donnchadh Ban, cha chreids mise idir, dhen aona sheòrsa faireachaidh a tha sin, anns a' bhàrdachd, 's na h-òrain aig Donnchadh.

Ach bha beatha an t-sealagair, tha mi smaoineachadh - 's tha mi smaoineachadh gun canadh a h-uile duine seo a leugh sa chuala na h-òrain aig Donnchadh. Bha beatha an t-sealagair dìreach na gràinne-mullaich ann an saoghal Dhonnchaidh e-fhèin. Agus chan iongnadh e ged a bhiodh e, nuair a chaidh e a Dhùn Èideann 's dhan a' bhaile mhòir, ged a bhiodh a smuaintean a' dol air ais gu Beinn Dobhrain 's Coire Cheathaich sna h-àiteachan àlainn a tha sin, eadar, can, A' Chrion Làraich 's Taigh an Dròma 's Drochaid Urchaidh 's Loch Teilbh 's Achadh Chaladair, a-null gu Inbhir Mheuran ann an Sìorrachd Pheairt 's Gleann Lìobhann. 'S e dùthaich iongantach a th' ann agus tha e fhèin ag ràdh ann an Cead Deireannach nam Beann, "Mo shoraidh leis na beanntan, o 's mìorbhailteach na beannan iad," eil fhios agad, agus aithnichidh tu an uair sin gu bheil mar gum biodh dìreach ràs faireachdaidh a' tighinn às an òran sin nach fhaigh thu as a' chòrr idir.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.