18mh linn / Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Bàrdachd - Cead Deireannach nam Beann

Dàn 3

Rinneadh an dàn seo nuair a thadhail am bàrd na sheann aois air a' bheinn far an robh e na fhorsair nuair a bha e na b' òige. Tha an dàn ann an cainnt chòmhraideach, mar gum biodh e dìreach a' bruidhinn rinn, agus ann an rannaigheachd shiùbhlach a tha, a rèir choltais, a' tighinn thuige gun strì.


Tha am bàrd a' cuimhneachadh mar a bha cùisean – gu h-àraidh an tlachd a bha e a' faighinn às an t-sealg agus às an fhearas-chuideachd sa ghleann – agus a' caoidh mar a tha an aois agus a shuidheachadh air sin uile a thoirt bhuaithe. Tha e a' toirt iomradh san dol-seachad air mar a tha an gleann a-nise làn chaorach agus an siud is an seo tha beagan dhen t-seann ghaol air na fèidh a' nochdadh - "'S aobhach a' ghreigh uallach nuair ghluaiseadh iad gu faramach" – ach chan eil anns an dàn seo ach mac-talla fann den t-sàr bhàrdachd nàdair a rinn Donnchadh Bàn na òige, ged a tha e drùidhteach na dhòigh shocair fhèin.


Cead Deireannach nam Beann

  • Bha mi 'n dè 'm Beinn Dòbhrain
  • 'S na còir cha robh mi aineolach;
  • Chunna mi na gleanntan
  • 'S na beanntaichean a b' aithne dhomh:
  • B' e sin an sealladh èibhinn,
  • Bhith 'g imeachd air na slèibhtean
  • Nuair bhiodh a' ghrian ag èirigh
  • 'S a bhiodh na fèidh a' langanaich.
  • 'S togarrach a dh'fhalbhainn
  • Gu sealgaireachd nam bealaichean,
  • Dol mach a dhìreadh garbhlaich,
  • 'S gum b' anmoch tighinn gu baile mi;
  • An t-uisge glan 's am fàile
  • Th' air mullach nam beann àrda,
  • Chuidich e gu fàs mi,
  • 'S e rinn domh slàint' is fallaineachd.
  • Fhuair mi greis dem àrach
  • Air àirighean a b' aithne dhomh,
  • Ri cluiche 's mire 's mànran
  • 'S bhith 'n coibhneas blàth nan caileagan;
  • Bu chùis an aghaidh nàdair
  • Gum maireadh sin an-dràst' ann -
  • 'S e b' èiginn bhith gam fàgail
  • Nuair thàinig tràth dhuinn dealachadh.
  • Nis on bhuail an aois mi,
  • Fhuair mi gaoid a mhaireas domh,
  • Rinn milleadh air mo dheudach
  • 'S mo lèirsinn air a dalladh orm;
  • Chan urrainn mi bhith treubhach
  • Ged a chuirinn feum air,
  • 'S ged bhiodh an ruaig am dhèidh-sa,
  • Cha dèan mi ceum ro chabhagach.
  • Ged tha mo cheann air liathadh
  • 'S mo chiabhagan air tanachadh,
  • 'S tric a leig mi mial-chù
  • Ri fear fiadhaich ceannardach;
  • Ged bu toigh leam riamh iad,
  • 'S ged fhaicinn air an t-sliabh iad,
  • Cha tèid mi nis gan iarraidh,
  • On chaill mi trian na h-analach.
  • Ri àm dol anns a' bhùireadh
  • Bu dùrachdach a leanainn iad,
  • 'S bhiodh uair aig sluagh na dùthcha,
  • Toirt òran ùra 's rannachd dhaibh;
  • Greis eile mar ri càirdean
  • Nuair bha sinn anns na campan –
  • Bu chridheil anns an àm sinn,
  • 'S cha bhiodh an dram oirnn annasach.
  • Nuair bha mi 'n toiseach m' òige,
  • 'S i ghòraich' a chùm falamh mi;
  • 'S e Fortan tha cur oirnne
  • Gach aon nì còir a ghealladh dhuinn;
  • Ged tha mi gann a stòras,
  • Tha m' inntinn làn de shòlas,
  • On tha mi ann an dòchas
  • Gun d' rinn nighean Deòrs' an t-aran domh.
  • Bha mi 'n dè san aonach
  • 'S bha smaointean mòr air m' aire-sa,
  • Nach robh 'n luchd-gaoil a b' àbhaist
  • Bhith siubhal fàsaich mar rium ann;
  • 'S a' bheinn as beag a shaoil mi
  • Gun dèanadh ise caochladh,
  • On tha i nis fo chaoraibh,
  • 'S ann thug an saoghal car asam.
  • Nuair sheall mi air gach taobh dhìom,
  • Chan fhaodainn gun bhith smalanach,
  • On theirig coill is fraoch ann,
  • 'S na daoine bh' ann, cha mhaireann iad;
  • Chan eil fiadh ra shealg ann,
  • Chan eil eun no earb ann –
  • Am beagan nach eil marbh dhiubh,
  • 'S e rinn iad falbh gu baileach às.

Cead Deireannach nam Beann

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

Cead Deireannach nam Beann air a sheinn le Seumas CM Caimbeul

Cead Deireannach nam Beann air a sheinn le Seumas CM Caimbeul.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.