18mh linn / Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Bàrdachd - Moladh Beinn Dòbhrain

Tha Moladh Beinn Dòbhrain stèidhte air cruth ceòl-mòr na pìoba, a' gluasad air ais agus air adhart eadar rithim stòlda an Ùrlair agus rithim aighearach an t-Siubhail, agus a' crìochnachadh le crùnluath a tha a' gluasad aig astar na seilge.


Cleas a' chiùil-mhòir, tha an dàn a' ruith uair is uair air na cuspairean a chaidh a chur a-mach sa chiad Ùrlar – a' bheinn, na lusan, na h-aibhnichean agus na fèidh – a' cur beagan as ùr riutha gach turas gus mu dheireadh a bheil dealbh againn de Bheinn Dòbhrain a tha a' faireachdainn an dà chuid fìor agus slàn.


Ged nach eil Donnchadh Bàn a' cur fhaireachdainn fhèin an cèill gu follaiseach anns an dàn seo – 's e sin tòrr dhe a neart mar bhàrd - tha an cùram, an ealain agus an t-saothair a tha e a' buileachadh air a' chuspair na theisteanas air a' mheas a tha aige air Beinn Dòbhrain agus gu h-àraidh air na fèidh agus an dòigh-beatha a tha a' dol leotha san robh pàirt chudromach aige fhèin mar fhorsair.


Tha na notaichean a' tarraing aire gu: Rithim, Dealbhan agus na Fèidh.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Moladh Beinn Dòbhrain

  • An t-urram thar gach beinn
  • Aig Beinn Dòbhrain;
  • De na chunnaic mi fon ghrèin,
  • 'S i bu bhòidhche leam:
  • Munadh fada rèidh,
  • Cuilidh 'm faighte fèidh,
  • Soilleireachd an t-slèibh
  • Bha mi sònrachadh;
  • Doireachan nan geug,
  • Coill' anns am bi feur,
  • 'S foinneasach an sprèidh
  • Bhios a chòmhnaidh ann;
  • Greadhain bu gheal cèir,
  • Faghaid air an dèidh,
  • 'S laghach leam an sreud
  • A bha sròineiseach.
  • 'S aigeannach fear eutrom
  • Gun mhòrchuis
  • Thèid fasanta na èideadh
  • Neo-spòrsail:
  • Tha mhanntal uime fèin,
  • Caithtiche nach trèig,
  • Bratach dhearg mar chèir
  • Bhios mar chòmhdach air.
  • 'S culaidh ga chur eug –
  • Duine dhèanadh teuchd,
  • Gunna bu mhath gleus
  • An glaic òganaich;
  • Spor anns am biodh beàrn,
  • Tarrann air a ceann,
  • Snap a bhuaileadh teann
  • Ris na h-òrdaibh i;
  • Ochd-shlisneach gun fheall,
  • Stoc den fhiodh gun mheang,
  • Lotadh an damh seang
  • Is a leònadh e;
  • 'S fear a bhiodh mar cheàird
  • Riutha sònraichte,
  • Dh'fhòghnadh dhaibh gun taing
  • Le chuid seòlainean;
  • Gheibhte siud ri àm,
  • Pàdraig anns a' ghleann,
  • Gillean is coin sheang,
  • 'S e toirt òrdugh dhaibh;
  • Peilearan nan deann,
  • Teine gan cur ann;
  • Eilid nam beann àrd'
  • Thèid a leònadh leo.
  • SIUBHAL
  • 'S i 'n eilid bheag bhinneach
  • Bu ghuiniche sraonadh,
  • Le cuinnean geur biorach
  • A' sireadh na gaoithe:
  • Gasganach, speireach,
  • Feadh chreachainn na beinne,
  • Le eagal ro theine
  • Cha teirinn i h-aonach;
  • Ged thèid i na cabhaig,
  • Cha ghearain i maothan:
  • Bha sinnsireachd fallain;
  • Nuair shìneadh i h-anail,
  • 'S toil-inntinn leam tannasg
  • Dha langan a chluinntinn,
  • 'S i 'g iarraidh a leannain
  • 'N àm daraidh le coibhneas.
  • 'S e damh a' chinn allaidh
  • Bu gheal-cheireach feaman,
  • Gu cabarach ceannard,
  • A b' fharamach raoiceadh;
  • 'S e chòmhnaidh 'm Beinn Dòbhrain,
  • 'S e eòlach ma fraoinibh.
  • 'S ann am Beinn Dòbhrain,
  • Bu mhòr dhomh ra innseadh
  • A liuthad damh ceann-àrd
  • Tha fantainn san fhrìth ud;
  • Eilid chaol-eangach,
  • 'S a laoighean ga leantainn,
  • Len gasgana geala,
  • Ri bealach a' dìreadh,
  • Ri fraigh Choire Chruiteir,
  • A' chuideachda phìceach.
  • Nuair a shìneas i h-eangan
  • 'S a thèid i na deannaibh,
  • Cha saltradh air thalamh
  • Ach barra nan ìnean:
  • Cò b' urrainn ga leantainn
  • A dh'fhearaibh na rìoghachd?
  • 'S arraideach, faramach,
  • Carach air grìne
  • A' chòisridh nach fhanadh
  • Gnè smal air an inntinn;
  • Ach caochlaideach, curaideach,
  • Caol-chasach, ullamh,
  • An aois cha chuir truim' orra,
  • Mulad no mì-ghean.
  • ÙRLAR
  • B' ionmhainn leam, ag èirigh
  • San òg mhadainn,
  • Timcheall air na slèibhtean
  • 'M bu chòir dhaibh bhith,
  • Cupall chunntas cheud
  • Luchd nan ceann gun chèill,
  • Mosgladh gu neo-bheudar
  • Mòr-shòlasach
  • Is osgarra om beul
  • Torman socair rèidh,
  • 'S glan an corp 's an crè
  • Seinn an dreòcaim ud.
  • Broc liath-chorrach èild'
  • An lod ga loireadh thèid,
  • Cuid dha h-arraid fhèin
  • Nuair bu deònach leath'.
  • 'S annsa leam nuair thèid
  • Iad air chrònanaich
  • Na na th' ann an Èirinn
  • De cheòlmhorachd:
  • 'S binne na gach beus
  • Anail mhic an fhèidh
  • A' langanaich air eudann
  • Beinn Dòbhrain;
  • An damh le bhùireadh fèin
  • Tighinn à grunnd a chlèibh –
  • 'S fada chluinnt' a bheuc
  • An àm tòiseachadh.
  • Tha 'n eilid anns an fhrìth
  • Mar bu chòir dhi bhith,
  • Far am faigh i mìlteach
  • Glan-feòirneanach;
  • Bruchorachd is cìob,
  • Lusan am bi brìgh,
  • Chuireadh sult is ìth
  • Air a lòineanaibh;
  • Fuaran anns am bi
  • Biolaire gun dìth
  • 'S mìlse leath' na 'm fìon,
  • 'S e gun òladh i.
  • Cuiseagan is riasg,
  • Chinneas air an t-sliabh,
  • B' annsa leath' mar bhiadh
  • Na na fòlaichean.
  • B' e sin an caidreabh grinn
  • Mu thràth nòine,
  • Nuair a thionaladh iad cruinn
  • Anns a' ghlòmainn:
  • Air fhad 's gum biodh an oidhch',
  • Dad cha tigeadh ribh,
  • Fasgadh bhun an tuim
  • B' àite còmhnaidh dhuibh.
  • Leapaichean nam fiadh,
  • Far an robh iad riamh,
  • An aonach farsaing fial
  • 'S ann am mòr-mhonadh.
  • 'S iad bu taitneach fiamh
  • Nuair bu datht' am bian,
  • 'S cha b' i 'n airc am miann
  • Ach Beinn Dòbhrain.
  • SIUBHAL
  • A' bheinn luiseanach fhailleanach
  • Mheallanach lìontach,
  • Gun choimeas dha fallaing
  • Air thalamh na Crìosdachd.
  • ÙRLAR
  • Am monadh farsaing faoin
  • Glacach srònagach,
  • Lag a' Choire Fhraoich
  • Cuid bu bhòidhche dheth.
  • Sin am fearann caoin
  • Air an d' fhàs an aoibh,
  • Far am bi na laoigh
  • 'S na daimh chròcach;
  • 'S e deisearach ri grèin,
  • Seasgaireachd dha rèir,
  • 'S neo-bheag air an èildeig
  • Bhith chòmhnaidh ann;
  • Leannan an fhir lèith
  • As faramaiche ceum,
  • Nach iarradh a' chlèir
  • A thoirt pòsaidh dhaibh;
  • 'S glan fallan a crè,
  • Is banail i na beus,
  • Cha robh h-anail breun
  • Ge b' e phògadh i.
  • AN CRÙNLUDH
  • Tha 'n eilid anns a' ghleannan seo,
  • 'S chan amadan gun eòlas
  • A leanadh i mur b' aithne dha
  • Tighinn farasta na còmhdhail:
  • Gu faiteach bhith na h-earalas,
  • Tighinn am faigse dhi mun caraich i,
  • Gu faicilleach, glè earraigeach,
  • Mum fairich i ga còir e;
  • Feadh shloc is ghlac is chamhanan,
  • Is chlach a dhèanadh falach air,
  • Bhith beachdail air an talamh
  • 'S air a' char a thig na neòil air;
  • 'S an t-astar bhith ga tharraing air
  • Cho macanta 's a b' aithne dha,
  • Gun glacadh e dha h-aindeoin i
  • Le h-anabharra seòltachd.

Moladh Beinn Dòbhrain

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Moladh Beinn Dòbhrain air a sheinn le Còisir Ghàidhlig Inbhir Narann

Moladh Beinn Dòbhrain air a sheinn le Còisir Ghàidhlig Inbhir Narann.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.